Cuan a Tuath "cha-mhòr gun dragh"

  • 5 An t-Ogmhìos 2014
Clàr-ola sa Chuan a Tuath Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt 18% de chompanaidhean gur e deagh rud a bhiodh ann an sgaradh bhon Rìoghachd Aonaichte, agus 12% ag ràdh gur e droch rud a bhiodh ann dhaibh.

'S e glè bheag de chompanaidhean ola is gas a' Chuain a Tuath air a bheil dragh mu neo-eisimeileachd, a rèir rannsachaidh ùir.

Thuirt an sgrùdadh a rinn Seòmraichean Malairt Obar Dheathain agus Roinn a' Mhonaidh (AGCC) gu bheil a' mhì-chinnt a tha ga h-adhbharachadh leis an referendum a' toirt buaidh air planaichean seilbh mhòran chompanaidhean.

Ach thuirt barrachd chompanaidhean gum biodh neo-eisimeileachd deimhinneach, seach na droch rud.

Chaidh a ràdh cuideachd san aithisg gun robh an Wood Review "'s dòcha a cheart cho cudromach, no nas cudromaiche, don ghnìomhachas, na bhiodh neo-eisimeileachd".

Atharrachadh Bun-reachdail

Chaidh 700 companaidh bho ghnìomhachas na h-ola 's a' ghas - cuid dhiubh a bhios ag obair air feadh an t-saoghail - a cheasnachadh airson aithisg chunbhalaich an t-Seòmair Mhalairt.

B' e seo a' chiad turas a chaidh faighneachd dhaibh mun bhuaidh a bheireadh bhòt airson neo-eisimeileachd orra.

Thuirt 45% dhiubh gun robh an referendum a' toirt buaidh air na planaichean aca 'son an ama ri teachd - àrdachadh bho 38% as t-Earrach a chaidh.

Thuirt 18% de chompanaidhean gur e deagh rud a bhiodh ann an sgaradh bhon Rìoghachd Aonaichte, agus 12% ag ràdh gur e droch rud a bhiodh ann dhaibh.

Thuirt a' chuid as motha de chompanaidhean nach toireadh neo-eisimeileachd do dh'Alba buaidh mhòr sam bith orra, air neo nach robh e furasta co-dhùnadh a dhèanamh taobh-seach-taobh.

Wood Review

Thuirt Uisdean Vass bhon chompanaidh lagha Bond Dickinson: "Tha toraidhean an sgrùdaidh mun referendum dìreach mar a shaoileadh sinn. Gu nàdarra, cha bhi gnìomhachasan - gu h-àraidh gnìomhachasan a th' air an stiùireadh bho thall-thairis - tric a' spàirn airson atharrachadh bun-reachdail.

"Mar a thachair, thuirt nas lugha na an dàrna leth de chompanaidhean a fhreagair gu bheil an referendum a' toirt buaidh air planaichean agus seilbh. Thuirt a' mhòr-chuid dhiubh sin nach e tachartas deimhinneach a th' anns an referendum.

"Ach, nuair a chaidh faighneachd dhaibh dè a bhuaidh a bhiodh aig bhòt "Bu Chòir", thuirt a' mhòr-chuid nach robh beachdan aca.

"Den bheag-chuid aig an robh beachd, bha mòr-chuid bheag deimhinneach. Fhad 's a tha mòran ùidh aig coimhearsnachd ola is gas an ear-thuath san referendum, chan eil cus dragh orra mu bhuil na bhòta."

Dh'fhoillsich an Wood Review, fo stiùir an t-seann fhear-ghnothachais ola Sir Ian Wood, sreath de mholaidhean sa Ghearran a bha ag amas air a' bhuannachd as fheàrr a thoirt às na th' air fhàgail den ola 's den ghas ann an earainn Bhreatainn den Chuan a Tuath.

Thuirt Riaghaltas na RA an dèidh sin gun cuireadh iad molaidhean Sir Ian an sàs cho luath 's a b' urrainn, le buidheann riaghlaidh ùr ga cur os cionn a' ghnìomhachais.

Diofar bheachdan

Thuirt Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing: "Chan e seo a' chiad turas a tha sinn air a chluinntinn gu bheil luchd-seilbh a' Chuain a Tuath socrach mu bhòt "Bu Chòir" agus neo-eisimeileachd a bhith san amharc.

"Tha na fireannaich 's na boireannaich a tha ag obair sa ghnìomhachas air fìor làn-taic 70% a shealltainn do bhòt "Bu Chòir" ann am baileat a chaidh a dhèanamh leis a' bhuidhinn Oil and Gas People na bu thràithe am-bliadhna."

A' bruidhinn às leth na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a tha an aghaidh neo-eisimeileachd, thuirt am BP Làbarach, Ridseard Baker, gun tàinig aithisg na h-ola 's a' ghas "an dèidh bheachdan coltach bho Cheannard B&Q agus Àrd-oifigeach Scottish Engineering.

Thuirt e: "Tha e soilleir gu bheil mì-chinnt mu dheidhinn airgid ma dh'fhàgas sinn an RA a' toirt air companaidhean ola maill a chur air seilbhe an Alba."

Tuilleadh air an sgeulachd seo