Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cor na Gàidhlig

Tha rannsachadh ùr bho Oilthigh Obar Dheathain a' togail cheistean mòra mu staid Gàidhlig na cloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Fhuair iad gu bheil trioblaidean mòra aig òigridh le gràmar, fuaimneachadh agus structar cànain, agus tha an rannsachadh ag ràdh gu bheil cuid de thidsearan nach eil misneachail gu leòr nan comasan cànain fhèin airson mearachdan a cheartachadh.

Dealan BT

Thàinig BT gu aonta sa bheil luach £300m airson na bhios a dhìth orra de chumhachd airson an ath 20 bliadhna a cheannach bho thuath-gaoithe anns na crìochan. Ceannaichidh BT leth den dealan a thig à Tuath-Gaoithe Fallago, faisg air Labhdair. Thuirt BT gum biodh an t-aonta math dhan àrainneachd agus a' toirt cinnt dhaibh fhèin mar bhuidhinn air a' phrìs a bhios iad a' pàigheadh air an dealan.

Òraid na Bànrighinn

Bidh fiosrachadh ann an Òraid na Bànrighinn an ceartuair air na laghan a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dòchas a chur tron Phàrlamaid mus bi an taghadh coitcheann ann an ath-bliadhna. Tha 11 bhile ann, mòran dhiubh air an deach iomradh a thoirt anns a' Bhuidseat mu dheireadh. Tha dùil ri ath-dhearbhadh air miann an Riaghaltais ann an Lunnainn air Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte.

Neo-eisimeileachd

Thàinig rabhadh bhon bhuidhinn bheachdachaidh an Institiùt airson Rannsachaidh Fhiosgail, gum bi gearradh buidseit is àrdachadh chìsean nas motha ann an Alba neo-eisimeileach na bha dùil ron a seo. Tha an IFS ag ràdh gu bheil iad a' stèidheachadh sin air na h-àireamhan oifigeil as ùire. Tha an iomairt airson neo-eisimeileachd ag ràdh gum biodh cùisean ionmhais na h-Alba a' cheart cho math, no nas fheàrr.

Mailèisia

Thàinig aithrisean à Mailèisia, nach eil dearbhte gu h-oifigeil fhathast, gun deach corp fhaighinn far an robh sgiobannan teasairginn a' coimhead airson duine à Breatainn, Gareth Huntly. Tha còrr is seachdain bho chunnacas Mgr Huntly, a tha 34 bliadhna de dh'aois, 's a bhuinneas do cheann a tuath Lunnainn, agus a bh' air saor-làithean ann am Mailèisia.

Taigh-spadaidh

Ghluais pròiseact airson taigh-spadaidh san Eilean Sgitheanach air adhart, le Raonaid Jackson, a tha ri croitearachd ann an Orbost, ga fastadh mar stiùiriche. Tha e an urra rithese làrach fhaighinn dhan ghoireas, agus an sgeama a thoirt gu ìre dhealbhachaidh.