IFS air ro-aithrisean fiosgail ùrachadh

  • 4 An t-Ogmhìos 2014
Airgead Image copyright Getty Images
Image caption Tha an IFS mar-thà air a ràdh gum biodh beàrn nas motha ann am buidseat na h-Alba an coimeas ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thàinig rabhadh bhon bhuidhinn bheachdachaidh, an Institiud airson Rannsachaidh Fhiosgail (IFS), gum bi gearraidhean buidseat agus àrdachaidhean cìse nas motha ann an Alba neo-eisimeileach na bhathar roimhe an dùil.

Tha am fiosrachadh bhon IFS stèidhichte air na h-àireamhan oifigeil as ùire.

Chuir an luchd-iomairt a tha a' cur taic ris an Aonadh fàilte air an naidheachd, ach tha luchd-taic na neo-eisimeileachd ag ràdh gum biodh eaconamaidh na h-Alba coltach ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, no fiù 's nas fheàrr.

Tha an IFS air dà aithisg ùr a chruthachadh mun bhuaidh ionmhasail a bhiodh aig a bhith a' fàgail na RA.

Tha an IFS mar-thà air a ràdh gum biodh beàrn nas motha ann am buidseat na h-Alba an coimeas ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, agus gum biodh feum air gearraidhean anns na tha an Riaghaltas a' cosg agus àrdachadh ann an cìsean gus am beàrn a lìonadh.

Ath-sgrùdadh

Sa Mhàirt, ge-tà, chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh ri linn 's gun robh eaconamaidh na RA a' fàs na bu luaithe na bhathar am beachd.

An dèidh na h-àireamhan as ùire fhaicinn - airson an teachd-a-steach ris a bheilear an dùil bho ola a' Chuain a Tuath - tha an Institiud a' toirt rabhaidh gum biodh beàrn na bu mhotha ann na bhathas an dùil roimhe - £8.6bn anns a' chiad bhliadhna de neo-eisimeileachd.

Ann an 2019 bhiodh beàrn ann fhathast, a rèir an Institiuid, ged a bhiodh airgead a chòrr ann am buidseat na Rìoghachd Aonaichte - fianais gu bheil sinn nas fheàrr còmhla, a rèir luchd-taic an Aonaidh.

Thug Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, cunntas air an aithisg mar "aithisg neo-eisimeileach eile a tha a' fàgail Riaghaltas na h-Alba gu mòr air an iomall".

"A thuilleadh air an CPPR, Citigroup agus eile, tha e a' sealltainn gum biodh beàrn nas motha ann am buidseat Alba neo-eisimeilich an coimeas ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, a' ciallachadh ghearraidhean no àrdachaidhean cìse nas motha nam fuiricheadh Alba mar phàirt den RA.

"Tha an anailis seo a' sealltainn gum biodh muinntir na h-Alba mu £1,400 na b' fheàrr dheth sa bhliadhna, nam fuiricheadh iad taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte," thuirt Mgr Alexander.

Piseach

Tha Riaghaltas na h-Alba ge-tà, ag ràdh gun tig piseach air an ola fhathast, agus gum bi soirbheachas bho roinnean eile den eaconamaidh comasach air airgead a chur ri cofaran na dùthcha.

Thuirt neach-labhairt: "'S i Alba aon de na dùthchannan as beartaiche san t-saoghal, nas soirbheachaile gach pearsa na an Fhraing Iapan agus an RA, ach feumaidh sinn cumhachdan na neo-eisimeileachd airson dèanamh cinnteach gum bi am beartas sin na bhuannachd dhan a h-uile duine nar sòisealtas.

"Bidh suidheachadh ionmhais na h-Alba ann an 2016-17 coltach ri, no nas làidire, na suidheachaidhean ionmhais na RA agus na buidhne G7, agus fiù 's le ro-mheasaidhean an IFS, bidh cunntais chothromachaidh na h-Alba sa bhliadhna an dèidh neo-eisimeileachd nas fhallaine na bha cunntais na RA sa bhliadhna-ionmhais a dh'fhalbh."