Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha taghadh a' chinn-suidhe a' dol air adhart ann an Siria, ann am meadhon chogadh shìobhalta. Cha bhi bhòt ach anns na sgìrean a tha fo smachd an riaghaltais, a' ciallachadh nach eil mòran coltas ann ach gun tèid an Ceann-suidhe Assad a thilleadh. Tha na pàrtaidhean dùbhlanach uile a' seachnadh na bhòt.

Taigheadas

Thuirt Nationwide, aon de na buidhnean as motha a tha a' toirt seachad mhorgaidsean ann am Breatainn, gun tàinig àrdachadh còrr is 11% air prìs thaighean air a' bhliadhna mu dheireadh. Sin an t-àrdachadh as motha ann an seachd bliadhna. Tha Comisean na h-Eòrpa ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte smachd a chur air an àrdachadh le bhith, mar eisimpleir, a' cur cìs comhairle nas àirde air na taighean as daoire.

Sir Iain Wood

Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil atharrachadh mòr a dhìth airson òigridh a chur ann an cosnadh ann an Alba. Tha am fear-gnothaich, Sir Iain Wood, na cheannard air coimisean a tha ag iarraidh àite nas motha do luchd-fastaidh ann an sgoiltean agus colaistean.

Geòidh

Thèid sgeama spadaidh nan gèadh a leudachadh gu ruige Leòdhas agus na Hearadh as t-Earrach an ath-bhliadhna. Tha sgeama spadaidh mar-thà ann an Uibhist 's an Arcaibh, agus croitearan is tuathanaich air a bhith a' gearan mun mhilleadh a tha iad a' dèanamh air bàrr agus air ionaltradh.

Crimewatch

Thuirt Poileas na h-Alba gun d' fhuair iad fiosrachadh às ùr air ais bhon mhòr-shluagh an dèidh tagradh air a' phrògram telebhisean Crimewatch mu mhurt a bhoireannaich à Dùn Èideann, Suzanne Pilley. Chaidh Daibhidh Gilroy a dhìteadh airson a murt ann an 2012, ach cha deach a corp fhaighinn a-riamh. Thuirt na poilis gun d' fhuair iad fiosrachadh bho dhaoine nach ris nach robh iad air bruidhinn ron a seo.

Spàinn

Chaidh mòran mhìltean dhaoine an sàs ann an togail fianais air feadh na Spàinn 's iad ag iarraidh referendum air àite an teaghlaich rìoghail aca, an dèidh dearbhadh gu bheil an Rìgh Juan Carlos a' fàgail a' chrùin dha mhac a dh'aithghearr. Bidh Riaghaltas na Spàinn a' coinneachadh an-diugh a dhèanamh lagh ùr a bheir cead dhan Rìgh an dreuchd fhàgail.

Bann-leathann

Tha dragh ann an sgìrean anns an Eilean Sgitheanach gu bheil bann-leathann slaodach a' toirt droch bhuaidh air gnìomhachas, gu h-àraidh air turasachd. Ged a chuala coinneamh ann am Port Rìgh bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean mu phròiseict mòr an riaghaltais airson bann-leathann luath a sgaoileadh air feadh na dùthcha ro 2020, tha dragh air cuid nach fhaigh mòran buannachd às.