Cùmhnant nan aiseagan fon phrosbaig

  • 2 An t-Ogmhìos 2014
Aiseag
Image caption Chuir na h-aonaidhean taic ris a' mholaidh mar-thà.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bu chòir beachdachadh air moladh gus cùmhnant nan aiseagan air a' chosta an iar a leudachadh gu 12 bliadhna.

Fhuair companaidh Dhaibhidh Mhic a' Bhriuthainn cùmhnant bho 2007 gu 2013, cùmhant a chaidh a leudachadh an uair sin gu 2016.

Tha an Coimisean Eòrpach a-nise air moladh a chur air adhart gum biodh cùmhnantan a' maireachdainn 12 bliadhna.

Thuirt iad gun robh companaidhean ann nach d' rinn tagradh 'son chùmhnantan 6 bliadhna is ceist orra an robh ùine gu leòr ann an t-airgead a bha iad a' cosg fhaighinn air ais.

Dh'fheumadh dùthchannan an EU gabhail ris a' mholadh mus rachadh a chur an sàs, ach tha e air taic fhaighinn mar-thà bho aonaidhean nan seòladairean.

Luach

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum faodadh luach a bhith sa bheachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud a th' ann as fhiach coimhead ris," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Cha robh sinne mar Chomhairle airson 's gun deadh na seirbheisean aiseig seo a-mach gu tagradh sa chiad àite agus tha mi a' smaoineachadh, nam biodh na cùmhnantan a' leantainn nas fhaide, bheireadh sin barrachd cinnt dha coimhearsnachdan mu dheidhinn nan seirbheisean a bha iad a' faighinn," thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gum feumadh dòigh a bhith ann gun gabhadh atharraichean a dhèanamh fhad 's a bha an cùmhnant a' dol.

"Feumaidh sùbailteachd a bhith anns na cùmhnantan airson 's gun gabh atharraichean a thoirt a-steach a thaobh clàran-àma, a thaobh seirbheisean a bharrachd a bhith air an lìbhrigeadh. Dh'fheumar a bhith glè chinnteach mus deadh aontachadh a dhol a-mach gu 12 bliadhna," thuirt e.

Beachdaichidh Comhairle nan Eilean Siar air a' cheist a-nis mus stèidhich iad seasamh oifigeil air a' ghnothach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile