Iomairt fhoirmeil air tòiseachadh

  • 30 An Cèitean 2014
Dithis le brataich Image copyright PA
Image caption Air Diardaoin, an 18mh den t-Sultain, thèid faighneachd do mhuinntir na h-Alba: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Tha iomairt fhoirmeil an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba air tòiseachadh.

Air Diardaoin, an 18mh den t-Sultain, thèid faighneachd do mhuinntir na h-Alba: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Airson na h-ath 16 seachdainean, feumaidh pàrtaidhean poileataigeach agus buidhnean eile a bhith taobh a-staigh nan riaghailtean a thaobh nas urrainn dhaibh a chosg air na h-iomairtean aca.

Bidh buidhnean craolaidh cuideachd fo riagailtean teann airson 's gum bi iad cothromach.

Thuirt an iomairt Nas Fheàrr Còmhla roimhe gu bheil dùil aca gun cosg an iomairt Bu Chòir barrachd na chosgas iad fhèin.

Thuirt ceannard na h-iomairt, Alistair Darling, gu bheil e fhathast cinnteach gun teid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Aonta

Bha e a' coimhead coltach gum biodh referendum ann nuair a choisinn an SNP mòr-chuid anns a' Phàrlamaid Albannaich san taghadh ann an 2011, 's chaidh sin a dhearbhadh san Dàmhair 2012 nuair a chaidh aonta a ruighinn ann an Dùn Èideann eadar an dà riaghaltas airson bhòt a chumail.

Bho Dhihaoine, an 30mh là den Chèitean, tha riaghailtean teann air nas urrainn do dhaoine agus do bhuidhnean cosg san iomairt air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.

'S urrainn do dhuine sam bith suas ri £10,000 a chosg air sanasachd, gnìomhan iomairt agus eile eadar seo agus là na bhòt. Feumaidh daoine a tha airson barrachd a chosg a bhith clàraichte gu h-oifigeil le Coimisean an Taghaidh.

Tha dùil gun tèid na buidhnean Bu Chòir agus Nas Fheàrr Còmhla ainmeachadh a dh'aithghearr le Coimisean an Taghaidh mar phrìomh luchd-iomairt airson an referendum, aig am bi cead suas ri £1.5m a chosg.

Cuideachd is urrainn dha na diofar phàrtaidhean aig Holyrood airgead a chosg a rèir na th' aca de bhuill anns a' Phàrlamaid Albannaich.

Tha cùisean air a bhith trang gu ruige seo, ach le tòrr dhaoine ann nach tàinig gu co-dhùnadh fhathast, tha dùil gum fàs iad fiù 's nas trainge anns na 16 seachdainean a tha air fhàgail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile