Sgrùdadh mu sheirbheis adhair

  • 3 An t-Ogmhìos 2014
Port-adhair Obar Dheathain Image copyright Bill Harrison
Image caption 'S e seirbheis a th' ann a bhios mòran de luchd-obrach na h-ola a' cleachdadh, ach tha mòran air gearain nach eil an clar-ama a th' ann an-dràsta freagarrach.

Thèid beachdan dhaoine a shireadh air an t-seirbheis adhair eadar Leòdhas is na Hearadh agus taobh sear na dùthcha.

Chuir Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) an rannsachadh air dòigh agus buidhnean anns na h-eileanan ag iarraidh seirbheisean nas fheàrr eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain.

Tha HIE airson measadh a dhèanamh air an iarrtas a th' ann airson barrachd sheirbheisean adhair eadar na h-Eileanan an Iar agus Obar Dheathain.

A thuilleadh air daoine a bhios a' cleachdadh nan seirbheisean adhair, thathar cuideachd airson cluinntinn bho dhaoine a tha a' siubhail eadar na h-Eileanan agus Obar Dheathain nach bi a' cleachdadh nam plèanaichean.

Thathar airson na 's urrainn dhaibh de dhaoine a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail san sgrùdadh, eadar luchd-siubhail, gnìomhachasan agus buidhnean eile.

"Mar as motha de fhreagairtean a th' againn, faodaidh sinn fiosrachadh nas fheàrr fhaighinn air an t-suidheachadh agus air an iarrtas a th' ann airson seo," thuirt Màiri Bertram bho HIE.

Leudachadh

An-dràsta, 's e aon sheirbheis a tha a' dol gach taobh, gach là.

'S e seirbheis a th' ann a bhios mòran de luchd-obrach na h-ola às na h-Eileanan an Iar a' cleachdadh, ach tha mòran air gearain nach eil an clar-ama a th' ann an-dràsta freagarrach.

Bidh am plèana a' falbh ann am meadhan an là, a' ciallachadh gu bheil iad a' call là aig ceann gach turais dhan Chuan a Tuath.

Tha HIE airson faighinn a-mach a bheil iarrtas ann airson tuilleadh sheirbheisean - 's dòcha dà sheirbheis san là, aig amannan nas fhreagarraiche.

Tha a' bhuidheann airson tuigse nas fheàrr a bhith aca air a' mhargaidh siubhail, agus air na buannachdan a dh'fhaodadh tighinn bho bharrachd sheirbheisean eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain.

Bidh an sgrùdadh fosgailte air-loidhne gus an 23mh là den Ògmhios.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile