Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Lib-Deamaich

Chaidh Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, às àicheadh gun robh e an sàs ann an oidhirp air faighinn cuidhteas Nick Clegg mar cheannard air na Libearalaich Dheamocratach. Dh'fhàg caraid Mhgr Cable, am Morair Oakeshott, a' phàrtaidh Lib-Deamach an-dè, an dèidh dhasan aideachadh gur e a chuir cunntas-bheachd air bhonn a thuirt gum biodh na Lib-Deamaich nas fheàrr às aonais Nick Clegg mar cheannard, agus gun cailleadh Mgr Clegg a roinn phàrlamaid aig an taghadh choitcheann an ath-bhliadhna. Tha cunntas-bheachd eile ag ràdh gun cailleadh Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, a sheat ann an Inbhir Nis.

An Ugràin

Tha aithrisean ann gun do loisg reubaltaich a tha a' taobhadh ris an Ruis, heileacoptair le arm na h-Ugràin gu làr air taobh sear na dùthcha. Thachair an ionnsaigh faisg air baile Sloviansk, mu 50 mìle bho chrìochan na Ruis. Tha a h-uile coltas ann gun deach criutha an heileacoptair a mharbhadh.

Toitean Eileactronaigeach

Chuir còrr is 50 eòlaiche bho air feadh an t-saoghail, an ainm ri litir a tha ag iarraidh air Buidheann Slàinte na Cruinne beachdachadh a-rithist air plana airson smachd a chur air toitean eileactronaigeach. Tha an litir ag ràdh gum bu chòir coimhead air na toitean eileactronaigeach nam buannachd do shlàinte. Agus tha Comann Meidigeach Bhreatainn a' moladh inbhe ùir dha na toitean sin mar dhrogaichean meidigeach, seach mar thombaca.

Bun-Sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain

Tha an obair a' tòiseachadh an-diugh air Bun-Sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain dhan do rinn pàrantan strì mhòr fad iomadh bliadhna. Bidh ceithir seòmraichean teagaisg anns an sgoil anns a' Chaol, le cothrom air leudachadh ma bhios sin a dhìth. Bidh goireasan coimhearsnachd cuideachd air làrach na sgoile ris a bheil dùil fosgladh anns an Lùnastal an ath-bhliadhna.

Tubaist-rathaid

Tha Poilis ag iarraidh fiosrachadih bho dhuine sam bith a chunnaic tubaist-rathaid anns an Eilean Dubh an-raoir anns an deach boireannach a mharbhadh. Thachair an tubaist mu 11:30f faisg air Cùl Bàcaidh. B' e càr a' bhoireannaich an aon chàr a bha san tubaist.

Ospadal Ùr Bharraigh

Iarraidh muinntir Bharraigh freagairtean aig coinneimh phoblaich a-nochd mu sheirbheisean do sheann daoine ann an ospadal ùr an eilein. Foillsichidh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar am plana as ùire aca airson a' phròiseict agus iad am beachd dachaigh chùraim Bharraigh a chur ris an ospadal ùr, air am faodadh a obair thogail tòiseachadh an ath-bhliadhna.

Aiseag a' Chorrain

Thòisich còmhradh às ùr eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus luchd-iomairt a tha a' strì mu sheirbheis-aiseig a' Chorrain ann an Loch Abar. Thuirt a' bhuidheann iomairt gu bheil iad nas misneachaile an dèidh na coinneimh, agus chuir iad fàilte air gealltanas na Comhairle gun dèan iad co-chomhairle nas fharsainne air a' bhuaidh a bheireadh àrdachadh faraidhean air an sgìre sin.