Ola is gas aig cridhe an deasbaid

  • 28 An Cèitean 2014
Crann-ola sa Chuain a Tuath Image copyright Getty Images
Image caption Anns a' Phàipear Gheal, tha an SNP a' moladh stòras a chruthachadh le na th' air fhàgail de dh'airgead na h-ola, mar a rinn Nirribhidh bho chionn 20 bliadhna.

Anns a' chiad aithris ann an sreath de thrì, tha Iain MacIllEathain a' mìneachadh na fhuaireas a-mach tro bhith ag ullachadh prògraim aithrisich do BhBC ALBA air ola agus gas - Rathad an Referendum: Ola is Gas. Tha a' chiad phàirt a' mìneachadh cuid den deasbad a bha a' cuairteachadh a' ghnìomhachais sna ciad bhuillean.

Tha gnìomhachas na h-ola air a bhith aig cridhe an deasbaid mu na tha an dàn do dh'Alba bho chaidh an 't-òr dubh' a dhearbhadh fon Chuan a Tuath aig deireadh nan 60an.

Tha sin fìor chun an là an-diugh, 's na tha de dh'ola air fhàgail, 's a' bhuannachd a dh'fhaodadh a bhith na cois, fhathast na bonn deasbaid air leth làidir eadar an fheadhainn a tha a' strì airson neo-eisimeileachd, agus iadsan a tha airson an t-Aonadh a ghlèidheadh.

Tha am Pàrtaidh Nàiseanta a' fàgail air Westminster gu bheil iad air saidhbhreas na h-ola a chaitheamh fad 40 bliadhna. Tha luchd-poileataigs aig Westminster a' dol às àicheadh sin, 's iad ag ràdh gun deach an eaconamaidh a thoirt am feabhas leis an airgead a thàinig bhuaipe.

Anns a' Phàipear Gheal a dh'fhoillsich an SNP aig deireadh 2013, tha iad a' moladh stòras a chruthachadh le na th' air fhàgail de dh'airgead na h-ola, mar a rinn Nirribhidh bho chionn 20 bliadhna.

Chuir sinne romhainn sùil a thoirt air na planaichean sin agus beachd fhaighinn bhon dà thaobh den deasbad, agus bho Nirribhidh fhèin, air na ghabhadh a dhèanamh.

Nuair a lorgar an ola

Ge-tà, thòisich sinn aig toiseach gnothaich. 'S i tè de na ceistean mòra a bha romhainn, carson nach deach stòras ola a chruthachadh leis an airgead a thàinig bhon ghnìomhachas anns na 70an agus na h-80an?

Image caption Thuirt am Morair Lawson nach robh san ola ach earrainn gu math beag den eaconamaidh.

Fhuair sinn cothrom a' cheist sin a chur air fear a bha thall 's a chunnaic - am Morair Lawson, a bha na Mhinistear Cumhachd, 's an uair sin na Sheansalair ann an Riaghaltas Mhairead Thatcher, a bh' ann an cumhachd nuair a thòisich airgead bho ghnìomhachas na h-ola a' tighinn a-steach gu Roinn an Ionmhais.

Dh'fhaighneachd sinn dha co-dhiù chaidh beachdachadh air Stòras a chruthachadh.

"Nuair a bha mi nam Rùnaire Stàite airson Cumhachd, gu follaiseach bheachdaich mi air an sin.

"Bheachdaich mi cuideachd air rud - anns an robh beagan a bharrachd uallaich - rud ris an canar "depletion policy", feuch na bh' ann de dh'ola a leudachadh a-mach leis gur e seòrsa rud a th' ann a ruitheas a-mach.

"Ach, san dà shuidheachadh cho-dhùin mi nach biodh e ciallach, agus gu dearbha bha stòras ola air a bhith gun chiall," thuirt e.

Carson ge-tà?

Thuirt e nach robh san ola ach earrainn gu math beag den eaconamaidh: "Anns an Rìoghachd Aonaichte, fiù 's aig àrd-ìre a' ghnìomhachais, cha robh ola a-riamh barrachd air 5% den eaconamaidh - na mo là-sa, bha e na bu lugha na sin, cha robh e air àirde a ruighinn - ach cha robh e riamh barrachd air 5%, cha robh e riamh faisg air 10% de theachd-a-steach chìsean.

Image caption Chaidh an t-Àrd-Oll. McCrone gu làidir às àicheadh beachd a' Mhorair Lawson.

"Bha e a' tighinn - aig fìor àirde - gu beagan 's 8% de theachd-a-steach chìsean iomlan. Mar sin cha bhiodh e air a bhith ciallach a chur mu seach agus maoin shònraichte a chruthachadh," thuirt e.

Ge-tà, bha cuid ann a bha a' moladh an leithid sna 70an. Bha an Riaghaltas Làbarach aig Callaghan air a bhith taiceil dhan leithid, agus nuair a bha e na chomhairliche do dh'Oifis na h-Alba aig an àm, sgrìobh an t-eòlaiche eaconamach, an t-Àrd-Oll. Gavin McCrone, pàipear a' moladh stòras ola a chruthachadh.

"Sgrìobh mi dàrna pàipear anns an do rinn mi argamaid airson stòras ola, 's chaidh sin a chur gu ministearan cuideachd. Agus san Riaghaltas Làbarach, Riaghaltas Challaghan a bha a' falbh, bha na h-uimhir de chòmhradh ann mu stòras ola, 's bha Rùnaire na h-Alba aig an àm, Bruce Millen, taiceil dha," thuirt an t-Àrd-Oll. McCrone.

Chaidh e gu làidir às àicheadh beachd a' Mhorair Lawson nach robh e air a bhith ciallach an leithid a dhèanamh.

"Dh'fhaodadh e a bhith air a dhèanamh anns na h-80an. Bhiodh e air a bhith a' ciallachadh suidheachadh gu tur eadar-dhealaichte, ach 's e thachair sna h-80an gun deach co-luach an airgid suas gu mòr ri linn na h-ola agus neart 's cothromachd nan cunntasan.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Rathad an Referendum: Ola is Gas

"Dh'èirich e bho $1.60/£ $2.40/£. Bha sin a' ciallachadh nach b' urrainn do dh'earrainn mhòir den eaconamaidh a bhith farpaiseach gu h-eadar-nàiseanta, 's chuir sin ri bhith a' toirt ghnìomhachasan às a chèile - chan ann a-mhàin an Alba ach ann an sgìrean air feadh Bhreatainn, a' fàgail mhòran gun chosnadh.

"Mar sin, chaidh airgead na h-ola a chleachdadh airson an dìth-chosnaidh a mhaoineachadh, 's tha mi a' smaoineachadh gur e call a bha sin," thuirt e.

Anns an dàrna aithris bithear a' coimhead air suidheachadh Nirribhidh,far a bheil cùisean gu math eadar-dhealaichte, feuch de na leasanan a th' aca-san dhuinn an seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo