Tòraidhean a' moladh làn-smachd air a' chìs chosnaidh

  • 2 An t-Ogmhìos 2014
Rut Davidson Image copyright Scottish Parliament
Image caption Mhìnich Rut Davidson a planaichean agus i a' foillseachadh cho-dhùnaidhean comisean fèin-riaghlaidh a' phàrtaidh, a bha fo stiuireadh a' Mhorair Shrath Chluaidh.

Tha Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba ag iarraidh gum bi làn-smachd aig Holyrood air a' chìs chosnaidh, ma bhòtas daoine an aghaidh neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Thuirt ceannard a' phàrtaidh ann an Alba, Rut Davidson, gum bu chòir barrachd smachd a bhith aig Holyrood cuideachd air VAT agus sochairean sòisealta.

Chuir am Prìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron, aonta ris a' phlana, a bhios mar phàirt de mhanifesto nan Tòraidhean airson taghadh choitcheann na h-ath-bhliadhna.

Tha an SNP ag ràdh nach gabh earbsa a chur anns na Tòraidhean càil a lìbhrigeadh.

Coimisean

Mhìnich Ms Davidson a planaichean agus i a' foillseachadh cho-dhùnaidhean comisean fèin-riaghlaidh a' phàrtaidh, a bha fo stiuireadh a' Mhorair Shrath Chluaidh, a bha roimhe na cheannard air a' phàrtaidh ann an Taigh nan Morairean.

Thuirt i gum bu chòir do Holyrood - a tha an-dràsta air a mhaoineachadh le maoin bho Roinn an Ionmhais - a bhith cunntachail airson an t-airgead aca fhèin a thoirt a-steach.

Thuirt an coimisean gum biodh plana na cìse cosnaidh a' ciallachadh gum biodh Pàrlamaid na h-Alba cunntachail airson 40% den airgead a thathas a' cosg. Chaidh a ràdh san aithisg:

  • Bha argamaid ann an t-uallach airson cuid de chunntasan VAT na h-Alba a chur air Pàrlamaid na h-Alba.
  • Bu chòir cuibhreann cìse an teachd-a-steach phearsanta, a tha saor bho chìs, a bhith air a ghlèidheadh fo chùram Westminster, ach, an dèidh sin, bhiodh uallach air Pàrlamaid na h-Alba a thaobh reataichean is bhannan.
  • Bu chòir Coimisean Fiosgail Albannach ùr, neo-eisimeileach a chruthachadh gus ro-aithrisean Albannach a thoirt gu buil.
  • Bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba uallach a ghabhail airson cùisean sochaire co-cheangailte ri sgìrean tiomnaichte, leithid sochairean taigheadais, agus cuibhreannan frithealaidh a tha gam pàigheadh do dhaoine ciorramach, aois 65 no nas sine, a tha feumach air cuideachadh len cuid chùraim phearsanta.

Deagh adhbharan

Tha Ms Davidson a' cumail a-mach nach e "duais furtachd" a bhios anns na molaidhean, ma 's e agus gum bhòt muinntir na h-Alba an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum air an 18mh là den t-Sultain.

Thuirt i: "Ann an dìreach 15 seachdainean, nì Alba an co-dhùnadh as motha aice ann an 300 bliadhna, mu co-dhiù am fuirich i mar phàirt den RA.

"Tha sinne den bheachd gum bu chòir deagh adhbharan a bhith aig sluagh na h-Alba a bhith dìoghrasach mu bhith airson fuireach air taobh a-staigh an Aonaidh.

"'S ann air sgàth sin a tha e deatamach dealbh nas cinntiche a thoirt dhan luchd-bhòtaidh san t-Sultain air mar a dh'fhaodadh ar dùthaich soirbheachadh agus guth nas làidire a bhith aice taobh a-staigh na RA."

Thuirt Ms Davidson gum faodadh cuid de na molaidhean a bhith "duilich a choileanadh", gu h-àraid nuair a tha gnothaichean leithid sochairean taigheadais nam pàirt de Chreideas Choitcheann Riaghaltas na RA.

'Soilleir, pongail agus Tòraidheach'

Thuirt am Prìomh Mhinistear ge-tà, gu bheil aithisg a' choimisean na "aithisg soilleir, pongail agus Tòraidheach airson an ath ìre de thuras fèin-riaghlaidh na h-Alba".

Tha na pàrtaidhean mòra eile an Alba a tha a' cur taic ris an Aonadh air na planaichean acasan fhoillseachadh mar-thà.

Tha na Lib-Deamaich a' cumail a-mach gum bu chòir do Holyrood 50% den t-airgead a thathas a' cosg a thoirt a-steach, agus smachd a ghabhail air cìsean cosnaidh, buannachd chalpa agus seilbhe.

Tha na Làbaraich airson trì-chairteal den ìre chìse 20sg a ghluasad a dh'Alba, a bharrachd air smachd air sochairean taigheadais agus tuilleadh chumhachdan do dh'eileanan na h-Alba.

Adhartas

Thuirt an SNP ge-tà, gur e neo-eisimeileachd an aon rud a dh'obraicheas.

Thuirt am BPA Annabelle Ewing: "'S e bhòtadh "Bu Chòir" anns an t-Sultain an aon dòigh air na cumhachdan a tha a dhìth air Alba gus sòisealtas nas cothromaiche agus eaconamaidh nas làidire fhaighinn.

"Chan eil roghainn 'tuilleadh chumhachdan fèin-riaghlaidh' air a' phàipeir-baileat - cha robh na Tòraidhean deònach air dhòigh sam bith sin a chur na lùib - agus 's ann air sgàth sin a dh'fheumas Alba bhòtadh 'Bu Chòir' gus gluasad air adhart."

Mar thoradh air Achd na h-Alba, tha còir aig Alba cumhachdan chuibhrichte fhaighinn air a' chìs chosnaidh ann an 2016.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile