Tagraidhean ùra mun toradh eaconamach

  • 28 An Cèitean 2014
Airgead agus bratach Image copyright Thinkstock
Image caption Thèid dà bheachd mu na chosgadh neo-eisimeileachd na h-Alba agus na buannachdan a bhiodh na chois, a chur mu choinneimh luchd-bhòtaidh na h-Alba.

Chaidh dà bheachd, a tha a' dol calg-dhìreach an aghaidh a' chèile, mu na chosgadh neo-eisimeileachd na h-Alba agus na buannachdan a bhiodh na cois, a chur mu choinneimh luchd-bhòtaidh na h-Alba.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun cuireadh neo-eisimeileachd £5bn ris an eaconamaidh, agus gum faodadh muinntir na h-Alba a bhith £1,000 na b' fheàrr dheth ann an Alba neo-eisimeileach.

Ach tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach gu bheil muinntir na h-Alba nas fheàrr dheth taobh a-staigh an Aonaidh.

Rinn Roinn an Ionmhais ann an Lunnainn measadh air na gheall Riaghaltas na h-Alba anns a' Phàipear Gheal aca; 's e an teachdaireachd acasan do mhuinntir na h-Alba, fuirichibh taobh a-staigh an Aonaidh.

Thuirt ministearan na RA gum biodh muinntir na h-Alba mu £1,400 na b' fheàrr dheth sa bhliadhna, nam fuiricheadh iad taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

Canaidh Riaghaltas na h-Alba ge-tà, nach gabh earbsa a chur ann am figearan Riaghaltas na RA, 's gun deach an glacadh mar-thà a' foillseachadh fiosrachaidh mhearachdaich mu na chosgadh e Alba a dhèanamh na dùthaich neo-eisimeileach.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun tòisicheadh Alba neo-eisimeileach le suidheachadh ionmhais "làidir", agus gum faodadh i a bhith mu £5bn na b' fheàrr dheth ron bhliadhna 2029-30.

Soirbheachail

Tha pàipear ùr bho Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum biodh suidheachadh ionmhais na h-Alba ann an 2016-17 coltach ri, no nas làidire, na suidheachaidhean ionmhais na RA agus na buidhne G7.

Thuirt am pàipear cuideachd gum biodh fiachan ag ìsleachadh, a' leigeil le riaghaltasan Albannanch san àm ri teachd maoin chùmhnaidh ola a stèidheachadh.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond: "'S i Alba aon de na dùthchannan as beartaiche san t-saoghal, nas soirbheachail gach pearsa na an RA, an Fhraing agus Iapan, ach feumaidh sinn cumhachdan neo-eisimeileachd airson dèanamh cinnteach gum bi am beartas sin na bhuannachd dhan a h-uile duine nar sòisealtas.

"Tha am beartas sin a' ciallachadh gun tòisich sinn mar dhùthaich neo-eisimeileach aig a bheil suidheachadh ionmhais làidir agus comasan mòra eaconamach.

"Tha na figearan as ùire a' sealltainn gun urrainn dhuinne, le bhith a' cleachdadh nan cumhachdan a thig le neo-eisimeileachd a-mhàin, bònas neo-eisimeileach le barrachd teachd-a-steach a thoirt do dh'Alba."

Rabhadh

Aig a' cheart àm, dh'fhoillsich Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, pàipear a tha a' mìneachadh nan dùbhlan a th' air thoiseach air Alba neo-eisimeileach.

Tha Riaghaltas na RA a' toirt rabhaidh gu bheil trioblaidean eaconamach air fàire, leis mar a tha an sluagh a' fàs nas sine, crìonadh ann an airgead na h-ola agus mar a dh'fhaodadh àrdachadh tighinn air ìre an rèidh.

A' bruidhinn ann an Dùn Èideann, thuirt Mgr Alexander: "An-diugh tha sinn air sealltainn, le bhith a' fuireach còmhla, gum bi àm ri teachd na h-Alba nas sàbhailte, le suidheachadh ionmhais nas làidire agus sòisealtas nas adhartaiche.

"Mar Rìoghachd Aonaichte, is urrainn dhuinn stòrasan a thoirt còmhla agus cunnartan a cho-roinn. Tha sin a' ciallachadh earrann de £1,400 gach bliadha airson gach fireannach, boireannach agus leanabh ann an Alba.

"'S e an t-earrainn sin ar cuibhreann de dh'àm ri teachd nas soirbheachaile. 'S e sin an t-airgead a phàigheas airson seirbheisean poblach nas fheàrr agus sòisealtas nas cothromaiche."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile