Bàt'-aiseig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgeama RET ga leudachadh

28 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun tèid faraidhean RET a chur air a h-uile aiseag air seirbhisean Chluaidh agus Innse Gall bhon Dàmhair an ath-bhliadhna.

Tha sin a' ciallachadh gum bi an sgeama air 14 slighean a bharrachd agus gum bi na faraidhean nas ìsle air na seirbheisean sin.

Nam measg, bidh aiseig Chaolas na Hearadh, Caolas Bharraigh agus an t-seirbheis eadar Malaig agus Armadail.

Le tuilleadh seo Shona NicDhòmhnaill.