A' chaitheamh ann an Cataibh

  • 27 An Cèitean 2014

Thàinig a' chaitheamh air ochdnar ann an sgìre Bhun Illidh ann an Cataibh am-bliadhna.

Thàinig trì cùisean am bàrr anns a' Ghearran, ach tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh a-nis gu bheil còignear eile a' fulang - triùir inbheach is dithis phàistean - agus gun robh an galar air triùir eile gun fhiosta.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' lorg dhaoine a bha faisg air an fheadhainn air a bheil an galar, agus gu bheil 77 duine air a bhith air an cur dhan dotair no airson gath-x.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air a' chloinn agus an luchd-obrach air fad san sgoil-àraich.

Tha misneachd aig NHS na Gàidhealtachd gun tèid stad a chur air a' ghalar bho bhith a' sgapadh leis na h-oidhirpean seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile