Sgeama RET ga leudachadh

  • 27 An Cèitean 2014
Bàt'-aiseig Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt an Riaghaltas gu bheil RET a' toirt buannachd fhollaisich don eaconamaidh.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba Dimàirt gun tèid faraidhean RET a stèidheachadh air a h-uile aiseag air seirbheisean Chluaidh agus Innse Gall bhon Dàmhair an ath-bhliadhna.

Tha 14 de na seirbheisean sin nach eil an-dràsta fo sgeama an RET, a bharrachd air aiseig Eilean Arainn air an tòisich e san Dàmhair am-bliadhna.

Am measg nan seirbheisean air an tòisich an sgeama ann an 2015, tha aiseig Chaolas na Hearadh, Caolas Bharraigh agus an t-slighe eadar Malaig agus Armadail.

Chaidh RET a stèidheachadh air seirbheisean nan Eilean Siar, Colla agus Tiriodh ann an 2008, agus gu ruige Ìle, Colbhasa agus Giogha ann an 2012.

Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, gu bheil an sgeama a' toirt buannachd fhollaisich dhan eaconamaidh agus do thurusachd.

Bhon Dàmhair 2015, bidh faraidhean RET air na slighean a leanas:

  • Beàrnaraigh - An t-Òb
  • Barraigh - Èirisgeigh
  • Sgonnsar - Ratharsair
  • Malaig - Armadal
  • Malaig - Eige - Eilean nam Muc - Rùm - Canaigh
  • An t-Òban - Creag an Iubhair
  • Tobar Mhoire - Cille Chomhghain
  • Loch Àlainn - Fisinis
  • Fionnphort - Eilean Ì
  • An t-Òban - Lios Mòr
  • Bàgh nan Uamh - Baile Bhòid
  • Caol an t-Snàimh - Rubha a' Bhodaich
  • An Leargaidh Ghallta - Cumaradh
  • Tairbeart Loch Fìne - Port a' Mhadaidh

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile