Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Cruinnichidh ceannardan an Aonaidh Eòrpaich sa Bhruiseil an-diugh fhathast a bheachdachadh air na taghaidhean Eòrpach anns an do rinn pàrtaidhean a tha amharasach mun Aonadh Eòrpach, no a tha gu tur na aghaidh, adhartas mòr. Tha Prìomhaire Bhreatainn, Dàibhidh Camshron, air a bhith a' bruidhinn ri ceannardan Eòrpach eile ron choinneimh sa Bhruiseil, a' bruidhinn air an atharrachadh a bheireadh iad air an AE.

Siria

Thuirt an Riaghaltas ann an Siria gun deach buidheann de luchd-sgrùdaidh eadar-nàiseanta a chur am bruid ann an sgìre Hama ann am meadhan na dùthcha. Bha an sgioba a' rannsachadh armachd cheimigich Shiria.

An Ugràin

Thuirt arm na h-Ugràin gun do ghabh iad smachd a-rithist air port-adhair Donetsk, a bha an làmhan reubaltach a tha a' taobhadh ris an Ruis air taobh sear na dùthcha. Tha diofar aithrisean ann gun deach eadar 50 agus 100 duine a mharbhadh anns an t-sabaid.

TSB

Tha Banca Lloyds a' dol a reic a' chairteil chuid de TSB air margaidh nan earrainnean. Bidh cothrom aig a' mhòr-shluagh, agus aig luchd-tasgaidh air na h-earrainnean a cheannach, a' tòiseachadh air an ath-mhìos. Tha cha-mhòr 200 meur den TSB an Alba, le 2,000 de luchd-obrach.

Amannan Feitheimh

Tha figearan ùra ag ràdh nach eil roinnean tubaiste agus èiginn aig ospadail na h-Alba a' tighinn a rèir targaid an Riaghaltais airson sealltainn ri euslaintich an taobh a-staigh ceithir uairean de thìde. Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air figear de 90 anns gach 100. Ach cha do ràinig sin ach 10 den 15 bùird-shlàinte air a' chiad trì mìosan den bhliadhna.

Oighreachd nam Bàgh

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air na buannachdan dhan choimhearsnachd ann a bhith a' ceannach Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh. Tha a' bhuidheann-stiùiridh ag iarraidh thagraidhean bho chompanaidh a dhèanadh an sgrùdadh, agus iad an dùil an rannsachadh fhèin a sgaoileadh tràth an ath-bhliadhna, le bhòt an uair sin am measg an t-sluaigh air a' chùis.

Comhairle nan Eilean Siar

Tha aithisg ùr bho Choimisean nan Cunntasan ag ràdh gun do rinn Comhairle nan Eilean Siar adhartas mòr san dòigh sa bheil iad a' làimhseachadh an cuid airgid. Ach tha an aithisg ag ràdh gum faodadh an t-ùghdarras tuilleadh adhartais a dhèanamh ann an cuid de roinnean.