Dràibheadh òg nas cunnartaiche an Alba

  • 27 An Cèitean 2014
Carbad-eiridinn
Image caption Tha an trioblaid gu sònraichte mòr san Ear-thuath agus aig tuath.

Tha barrachd dhaoine gan goirteachadh no gam marbhadh ann an tubaistean-rathaid sa bheil dràibhearan òga an sàs ann an Alba na tha anns a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Fhuair figearan a dh'fhoillsich an RAC gu bheil dràibhear eadar 17 agus 19 an lùib aon tubaist anns gach ochd ann an Alba anns a bheil cuideigin gan goirteachadh neo gam marbhadh.

Sheall figearan nàiseanta a chaidh a chruinneachadh thairis air còig bliadhna gu bheil dràibhearan òga an lùib 11.9% de dhroch thubaistean-rathaid.

Ann an Alba, tha an àireamh sin ag èirigh gu 12.5%.

Tha an àireamh nas motha buileach ann an sgìrean dùthchail, gu h-àraid anns a' cheann a tuath agus ann an Roinn a' Mhonaidh, far a bheil dràibhear òg an lùib cha-mhòr 16% de na tubaistean seo.

Tha Poilis na h-Alba ag ràdh gu bheil sàbhailteachd rathaidean na prìomhachas dhaibh ann an ear-thuath na h-Alba agus gu bheil iad air iomairt a thòiseachadh airson prìomh rathaidean agus rathaidean dùthchail na sgìre a dhèanamh nas sàbhailte.

Bha an àireamh thubaistean le dràibhearan òga cuideachd na bu mhotha ann an Taobh Tatha, ann am Fìobha agus ann an meadhan na h-Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile