14 eòin air am puinnseanachadh

  • 23 An Cèitean 2014
Eun Image copyright Steve Mackay
Image caption Fhuaireadh 22 eun a lorg marbh uile gu lèir ann an Taobh Sear Rois.

Thuirt Poileas na h-Alba gun do dhearbh deuchainnean gur e puinnseanachadh a thug bàs do 14 de na h-eòin-creachaidh a chaidh a lorg marbh ann an Siorrachd Rois.

Chaidh 22 eòin a lorg marbh uile gu lèir, 16 clamhain-ghobhlach agus 6 clamhain.

Fhuireadh na closaichean faisg aig Drochaid Sguideil.

Cha deach buil cuid de na deuchainnean fhoillseachadh fhathast.

Thuirt na poilis gu bheil an rannsachadh aca air a' ghnothach a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile