Geallaidhean ùra bho Certas

  • 23 An Cèitean 2014
Connadh
Tha co-chomhairle ùr ann a-nise air na geallaidhean aig Certas.

Dhearbh Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean gu bheil a' chompanaidh Certas air geallaidhean a bharrachd a thoirt seachad gus prìsean connaidh nas cothromaiche a stèidheachadh sna h-Eileanan an Iar.

Tha an t-Ùghdarras, a tha air a dhol an àite Oifis na Malairt Cothromaiche, air a bhith a' rannsachadh casaidean gun deach riaghailtean farpais a bhriseadh ann am margaidh a' chonnaidh anns na h-Eileanan, le cuid air fàgail air Certas gun robh grèim aca air a' ghnothach a bha mì-chothromach.

Thàinig Certas fhèin air tighinn air adhart le molaidhean ann an oidhirp an gnothach a thoirt gu ceann.

Fosgladh

Thuirt a' chompanaidh gun robh iad deònach na h-ionadan connaidh aca ann an Steòrnabhagh agus an Loch a' Chàrnain fosgladh do chompanaidhean eile a tha ag iarraidh farpais riutha.

Fo na molaidhean a bh' aca bho thùs, bhiodh ionad Steòrnabhaigh fosgailte gu deireadh 2017 agus ionad Loch a' Chàrnain gu 2019.

Chuir luchd-iomairt fàilte air sin, bha faireachdainn ann nach robh na molaidhean a' dol buileach fada gu leòr.

Tha e a-nise air tighinn am bàrr gu bheil Certas dèonach geallaidhean a bharrachd a thoirt seachad.

Bhiodh an t-aonta a thaobh ionad Steòrnabhaigh a-nise a' dol dhan Ògmhios 2020 agus bidh cosgaisean ruith an ionaid air an roinn gu cothromach eadar Certas agus an fheadhainn a tha a' farpais riutha.

Molaidhean

Thuirt Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean gu bheil iadsan am beachd gabhail ris na molaidean ùra.

"Tha sinne a' creidsinn gu bheil cothrom ann leis na geallaidhean às ùr seo companaidhean eile a chuideachadh a dhol an sàs sa mhargaidh agus farpais a dhèanamh ri Certas anns na h-Eileanan an Iar san ùine fhada," thuirt Ann Pope bhon bhuidhinn.

Tha cothrom aig daoine am beachdan a thoirt seachad dhan Ùghdarras suas gu a' 4mh là den Ògmhios.