Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aithisg an fhearainn

Tha buidheann a rinn sgrùdadh air laghan fearainn na h-Alba air atharrachaidhean mòra a mholadh. Tha Buidheann Ath-sgrùdaidh an Fhearainn airson ceann a chur air na ghabhas de thalamh a bhith aig aon uachdaran prìobhaideach; agus atharrachadh ann an siostaman cìse, a tha, nam beachd san, a' cumail mòran fearainn ann an làmhan prìobhaideach.

Thathas cuideachd a' moladh Buidheann Fearann Coimhearsnachd a bhiodh ri conaltradh eadar uachdarain agus coimhearsnachdan, smachd air Oighreachd a' Chrùin a thoirt dha Pàrlamaid na h-Alba, agus a dhèanamh nas fhasa do bhuidhnean poblach talamh ann am bailtean mòra a cheannach, atharrachadh gus nach bi uiread a dheth air fhàgail bàn sna bailtean.

Taghadh Eòrpach

Thuirt ceannard UKIP, Nigel Farage, gum bi cothrom math aig a' phàrtaidh adhartas a dhèanamh anns an ath-thaghadh airson Westminster às dèidh dhaibh a bhith soirbheachail anns na taghaidhean ionadail ann an Sasainn. Bha e ag ràdh gun robh "sionnach UKIP ann an taigh-chearc Westminster".

Tha UKIP air faisg air 90 suidheachan fhaighinn mar thà agus chan eil againn ach buil 40% de chomhairlean. Bha UKIP gu sònraichte làidir ann an Yorkshire agus anns na Midlands. Tha bhòt nan Làbarach an àirde. Bha a' bhòt aig na Tòraidhean agus na Lib Deamaich sìos.

Gheat

Tha Oifis nan Dùthchannan Cèin ag ràdh gun rinn maoir-chladaich Ameireagaidh oidhirp na bu mhotha na dh'fheumadh iad gus feuchainn ri lorg fhaighinn air a' gheat Bhreatannach a chaidh a dhìth anns a' Chuan Shiar, an "Cheeki Raffiki". Thèid an iomairt aig na Stàitean Aonaichte a chur dheth aig deireadh an là an-diugh mura faic iad càil. Bha ceathrar air bòrd a' bhàta. Bidh plèana leis an RAF a' sgrùdadh airson là eile.

Rannsachadh Bharabhais

Tha buidheann-stiùiridh na h-iomairt airson Oighreachd Bharabhais a cheannach dhan choimhearsnachd air rannsachadh iarraidh air leasachadh eaconomach. Tha iasgach bhradain am measg nan còirichean a tha an cois na h-oighreachd anns a bheil 34,000 acair fearainn.