Leasachadh Taigh Viewhill

  • 23 An Cèitean 2014
Taigh Viewhill
'S e bùrach a tha san taigh an-dràsta.

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson togalach eachdraidheil ann an Inbhir Nis a leasachadh às ùr.

Chaidh Taigh Viewhill a mhilleadh le teine cho chionn seachd bliadhna.

Thogadh an taigh san 19mh linn agus bha an t-innleadair ainmeil Joseph Mitchell am measg na dh'fhuirich ann.

Dh'obrach Mgr Mitchell còmhla ri Thòmas Telford nuair a bha an Cànal Cailleanach ga thogail.

Leagail

Bha na daoine leis a bheil an taigh an-dràsta airson a leagail gu talamh.

Ged a thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad, chuir Alba Aosmhòr stad air na planaichean.

A-nis, tha Urras Togalaichean Eachdraidheil na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil e ann an staid math gu leòr airson a leasachadh agus taigh-òsta, flataichean no oifisean a dhèanamh dhe.

Thèid na diofar roghainnean a thaisbeanadh aig Leabharlann Inbhir Nis eadar an 28mh den Chèitean agus an 6mh den Òg-Mhìos.

Tha dùil gun cosgadh an leasachadh mu £3.3m.