Molaidhean ùra do lagh an fhearainn

  • 23 An Cèitean 2014
Na Hearadh
Image caption Tha molaidhean ùra aig Buidheann Sgrùdaidh Ath-leasachaidh an Fhearainn.

Tha buidheann a rinn sgrùdadh air laghan fearainn na h-Alba air atharrachaidhean mòra a mholadh.

Chaidh Buidheann Sgrùdaidh Ath-leasachaidh an Fhearainn a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba airson coimhead ris a' ghnothach.

Chaidh càineadh a dhèanamh air aithisg eadar-amail bhuapa, ge-tà, is dh'fhàg an t-Ollamh Seumas Mac an t-Sealgair is an t-Ollamh Sarah Skerratt a' bhuidheann.

Raidigeach

Tha iad a-nise air tighinn air adhart le molaidhean nas radigich.

Mhol iad gun tèid ceann a chur air na ghabhas de thalamh a bhith aig aon uachdaran prìobhaideach.

Dh'iarr iad cuideachd atharrachadh ann an siostaman cìse, a tha, nam beachd san, a' cumail mòran fearainn ann an làmhan prìobhaideach.

Buidheann Fearann Coimhearsnachd

Bu chòir Buidheann Fearann Coimhearsnachd a stèidheachadh a bhiodh ri conaltradh eadar uachdarain agus coimhearsnachdan, tha iad ag ràdh, leis an amas gum biodh àrdachadh mòr anns na tha de dh'fhearann a tha fo smachd na coimhearsnachd.

Dh'iarr iad cuideachd smachd air Oighreachd a' Chrùin thoirt do Phàrlamaid na h-Alba.

Bhiodh "buannachdan farsaing agus cudromach" ann do dh'Alba nach cailleadh coimiseanaran Oighreachd a' Chrùin an cumhachdan san dùthaich, a rèir na buidhne.

Talamh ionaltraidh

Thathas a' moladh cuideachd roi-innleachd ùr air mar a thathas a' dèiligeadh ri talamh ionaltraidh gus am bi "dìon air agus gus am bi e air a làimhsicheadh ann an dòigh iomchaidh".

Bu chòir coimhearsnachdan a bhrosnachadh gus sealbh a ghabhail air acarsaidean is cidhean.

Bu chòir reachdas a chur air adhart gus am biodh e na b'fhasa do bhuidhnean poblach talamh ann am bailtean mòra a cheannach, gus nach bi uiread dheth air fhàgail bàn sna bailtean.

Taic-airgid

Tha iad ag ràdh ge-tà gu bheil taic-airgid bunaiteach dhan ghnothach.

Thuirt iad gum feum Riaghaltas na h-Alba structar a chur an sàs gus am bi sruth-airgid ann a chuideachas coimhearsnachd gus fearann agus togalaichean a cheannach.

Bidh e a-nise an urra ris an Riaghaltas co-dhùnadh dè na molaidhean a bu chòir a bhith air an cur an sàs.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile