Rannsachadh ùr Bharabhais

  • 23 An Cèitean 2014
Barabhas
Image caption Tha a' bhuidheann-stiùiridh ag ràdh gu bheil an rannsachadh a th' aca feumach air ùrachadh.

Thèid rannsachadh ùr a dhèanamh air na buannachdan a dh'fhaodadh a bhith an cois Oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas a cheannach às leth na coimhearsnachd.

Thathas an dùil gun cosgadh an oighreachd, anns a bheil mu 34,000 acair, timcheall air £2m.

Tha an t-uachdaran air leigeil fhaicinn roimhe gu bheil iad deònach a reic.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh ann an 2006 agus tha a' bhuidheann-stiùiridh a tha air cùl oidhirp na coimhearsnachd den bheachd gu bheil feum air ùrachadh.

Taic

Thàinig taic-airgid bho Mhaoin a' Chrannachair gus an rannsachadh a dhèanamh.

"An rannasachadh a th'againn, rinn sinn ann an 2006 e", thuirt Aonghas MacLeòid bhon bhuidhinn-stiùiridh.

"Tha sinn ag iarraidh orra coimhead air a sin a-rithist agus a thoirt an àird dhan là an diugh.

"Rud eile, rinn sinn rannsachadh air cumhachd ath-nuadhachail air an oighreachd trath air a' bhliadhna agus bidh sinn ag iarraidh orra sin fhighe a-steach dhan rannsachadh aca fhèin a dh'fhaicinn am bi sin prothaideil dhuinn", thuirt e.

Tha a' bhuidheann-stiùridh an dùil gum bi an rannsachadh feumail cuideachd dhaibh a thaobh am bu chòir gnothaichean mar còirichean iasgaich na h-oighreachd a cheannach mar phàirt den aonta.

Prìs

"A' phrìs a bh' againn ann an 2006, cha robh e builleach £2m, ach bha e a' tighinn faisg air. 'S e an t-iasgach, tha tòrr iasg a' tighinn suas gu Loch Bharabhais, sin an rud a tha a' cur suas prìs na h-oighreachd", thuirt Mgr MacLeòid.

"Chan fios fhathast ciamar a thèid an t-iasgach bhon chan eil fhios againn am bi sin prothaideil dhuinn fhìn sin fhaighinn.

"Mura bhiodh, bhiodh a duilich dhuinn faighinn an t-airgead air a shon airson ceannach sin, mura robh e gu bhith prothaideil", thuirt e.

Tha a' bhuidheann-stiùiridh an-dràsta a' feitheamh tairgsean bho bhuidhnean gus an rannsachadh a dhèanamh is tha iad an dòchas gum bi an rannsachadh aca deiseil san t-Sultuin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo