Ath-bheòthachadh nan Sgitheanach

  • 22 An Cèitean 2014
Pàirc nan Laoch Image copyright Richard Dorrell / Geograph
Image caption Tha na Sgitheanaich dòchasach gu bheil ginealach ùr de laoich aca.

Nach iongantach an diofar a nì beagan mhìosan ann an spòrs.

Aig deireadh seusan iomain 2013, bha Camanachd an Eilein Sgitheanaich ann an staing.

Bha an cluba aig teis mheadhan iomairt an aghaidh atharraichean a chuir Comann na Camanachd air adhart a thaobh structar nam farpais.

Bha na Sgitheanaich draghail mun phlana gus lìog ùr nàiseanta a steidheachadh fon Phrìomh Liòg, is le taic bho chuid de chlubaichean eile, thug iad an gnothach gu coinneamh shònraichte.

Air a' cheann thall, dh'fhaillich oidhirp nan Sgitheanach cur às dhan phlana le bhòt 22-18 an aghaidh ghluasad sgioba an Eilein.

Buille eile

Dh'fhulaing iad an uairsin buille air a' phàirc fhèin leis a' chiad sgioba a' call chothrom air àite san lìog ùr nàiseanta sin, Cabar Fèidh a' crìochnachadh puing air thoiseach orra.

Dh'fhàg sin na Sgitheanaich ann an Lìog Tuath 1 còmhla ris na darna sgiobaidhean aig Bail' Ùr an t-Slèibh, Ceann a' Ghiuthsaich, Gleann Urchadain, a' Mhanachainn agus Lòbhat - suidheachadh tàmailteach dhan na h-Eileanaich is iad cleachdte gu leòr ri farpais an aghaidh ciad sgiobaidhean nan clubaichean sin.

Leis na Sgitheanaich an uair sin gun mhanaidsear aig deireadh an t-seusain fad beagan sheachdainean, bha ceist air cuid air dè bha fainear dhan chluba.

Tràth ann an 2014 ge-tà, chaidh Iain 'Spod' MacLeòid ainmeachadh mar mhanaidsear ùr.

Thug MacLeòid àite do Dhàibhidh Pringle is Aonghas MacDhòmhnaill mar leas mhanaidsearan le taic cuideachd bho laoich mar Ally Moireasdain, Donnie "Digg" Dòmhnallach agus Dùghlas MacDhùghaill.

Poileasaidh ùr

Chaidh poileasaidh ùr a stèidheachadh; chan fhaigheach ach balaich a bha a' trèanadh gu cunbhalach àite san sgioba.

Dh'fhaoite nach eil an seusan ach aig ìre car trath ach tha h-uile coltas ann gu bheil a' bhuil ann mar tha.

Tha na Sgitheanaich nan suidhe aig bàrr Lìog Tuath 1 le deich puingean à còig geamaichean.

Abair gu bheil iad air cliù a chosnadh dhaibh fhèin anns na cupanan cuideachd.

Bha Gleann Urachdain bhon Phrìomh Lìog feumach air ùine a bharrachd 'son glèidheadh 1-0 ann am Port Rìgh ann an Cupa MhicThàmhais.

Prìomh Lìog

Trì seachdainean às dèidh sin, cha robh sgioba eile bhon Phrìomh Lìog, Loch Abar, cho fortanach, is iadsan a' call 3-2 aig Pàirc nan Laoch ann am Plèit MhicThàmhais.

Tha na Sgitheanaich a-nis sa chuairt dheireannaich den fharpais sin agus san ian chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir.

Bidh iad dòchasach air an tuilleadh adhartais ann an Cupa na Camanachd fhèin le Eilean Bhòid aca san darna chuairt, cluba a tha, gu h-inntinneach, air fulang am bliadhna air sgath nan dearbh dhraghan a thog na Sgitheanaich mun lìog ùr nàiseanta.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh gun deach na lìogaichean ath-chruthachadh am bliadhna agus mar sin ann an dòigh gun tàinig sinn sìos lìog, mar sin tha e caran eadar-dhealaichte", thuirt sgiobair nan Sgitheanach, Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

"S dòcha dhuinne co-dhuibh ge-tà, thàinig manaidsearan ùra agus thug sin ùrachadh air na balaich agus air a' chluba air fad tha mi a' smaoineachadh, agus tha sin air feum a dhèanamh.

Uallach

"Cuideachd, tha na balaich air beagan a bharrachd uallaich a ghabhail am bliadhna agus gu ruige seo tha e a' dol gu math leinn, ach tha pìos ri dhol fhathast", thuirt e.

Tha fios gu bheil na Sgitheanaich cuideachd air an dòigh le mar a tha cuid de chluicheadaran òga mar Will Cowie, nach eil ach 17, air a bhith a' cluich.

Tha feadhainn eile air feum mòr a dhèanamh às dèidh dhaibh gluasad gu àite ur san sgioba.

Chan eil an darna sgioba 's dòcha a' dol cho math sa bu mhiann leotha, ach san fharsaingeachd tha coltas tòrr nas sona air gnothaichean aig Pàirc nan Laoch.

"Tha faireachdainn 's dòcha beagan nas fheàrr timcheall air a' chluba leis gu bheil cùisean a' dol beagan nas fheàrr. Tha sinn an dòchas gun lean e air ach tha fhios againn nach eil sinn air dad a bhuinnig fhathast", thuirt MacDhòmhnaill.

Chan eil fhathast, ach gu follaiseach tha spionnadh às ùr anns na Sgitheanaich is faireachdainn làidir ann gu bheil iad air ais air an t-slighe cheart.

Chan fhada, math dh'fhaoite, gus am bi sgioba an Eilein air ais aig àrd ìre.