Ath-chuinge mu oifigearan armaichte

  • 21 An Cèitean 2014
Oifigear armaichte Image copyright PA
Image caption B' àbhaist na gunnaichean a bhith fo ghlas ann an carbadan armaichte, agus cha b' urrainnear an toirt a-mach gun chead bho oifigear ann an àrd-dhreuchd.

Dh'iarr am BP Gàidhealach, Danny Alexander, gun tèid beachdachadh a-rithist air am bu chòir cuid de dh'oifigearan poilis air a' Ghàidhealtachd a bhith a' giùlain ghunnaichean gu cunbhalach.

Chaidh an gnothach a thogail le Iain Finnie, am BPA neo-eisimeileach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a bha uair na oifigear-poilis e fhèin.

Thuirt Mgr Finnie gun robh e a' dèanamh dragh dha gu bheil oifigearan armaichte air a' Ghàidhealtachd bho chaidh an fheachd nàiseanta, Poileas na h-Alba, a stèidheachadh ann an 2014.

Bho thùs, bha na gunnaichean fo ghlas ann an carbadan armaichte agus cha b' urrainnear an toirt a-mach gun chead bho oifigear ann an àrd-dhreuchd.

Deasbad

Chaidh an suidheachadh a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt is Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, ag ràdh nach eil planaichean sam bith aig an Riaghaltas sùil às ùr a thoirt air a' phoileasaidh.

Thuirt Mgr Asgaill gun robh trì de na feachdan sgìreil a bh' ann air am poileasaidh a chur an sàs mus deach an fheachd nàiseanta a stèidheachadh, Poilis a Chinn a Tuath nam measg.

Chan eil sin air Danny Alexander a shàsachadh is e ag ràdh gu bheil faireachdainn làidir sa Ghàidhealtachd nach eil am poileasaidh iomchaidh sa cheann a tuath.

Tha Mgr Alexander air ath-chuinge a chur air dòigh is e ag iarraidh gum bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' ghnothach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile