An Gleann sa chuairt dheireannaich

  • 19 An Cèitean 2014
Gleann Urchadain Image copyright Neil G Paterson
Image caption Gleann Urchadain air an dòigh às dèidh dhaibh buannachadh air slaicean peanais.

Tha Gleann Urchadain sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàimhais 'son an darna bliadhna ann an sreath às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Bail' Ùr an t-Slèibh aig an deireadh-sheachdain.

Chuir Calum Stiùbhairt am Bail' Ùr air thoiseach às dèidh 63 mionaidean ach bha an Gleann co-ionnan le tadhal le deich mionaidean air fhàgail bho Dhàibhidh Smart.

Bha cothrom an uair sin aig fear-glèidhidh a' Ghlinne, Stiùbhairt Mac an Tòisich, le slaic peanais anns na dìogan mu dheireadh ach chuir Mìcheal Ritchie eadar na puist dhan Bhail' Ùr stad air an oidhirp.

Chaidh an geama gu ùine a bharrachd is uair sin gu slaicean peanais.

Cothrom eile

Dh'fhailich air Mac an Tòisich a-rithist am ball a chur dhan lìon ach thàinig cothrom eile thuige às dèidh do Thormod Caimbeul an cothrom aige-san a chall agus, leis an treas oidhirp aige den fheasgar bho shlaic peanais, chuir Mac an Tòisich am ball dhan lìon agus an Gleann air adhart dhan chuairt dheireannaich.

Bidh aca ri feitheamh seachdain eile gus an ionnsaich iad cò bhios nan aghaidh is droch shìde air stad a chur air a' gheama eadar Ceann Loch Seile is Lòbhat, a tha a' cur dìon air a' chupa.

Bha madainn shnog ann air a' Ghàidhealtachd ach thàinig uisge trom trath air an fheasgar is cha do mhair cluich sa Chlachan Aillseach ach fichead mionaid mus robh a' phàirc fo thuill.

Feuchaidh na sgiobaidhean a-rithist Disathairne seo tighinn, an turas seo ann an Cill Taraghlain.

An t-Eilean Sgitheanach

Ann am Pleìt MhicThàimhais, chaidh na Sgitheanaich air adhart dhan chuairt dheireannaich an aghaigh a' Ghearasdain às dèidh dhaibh soirbheachadh 3-1 an aghaidh Inbhir Nis.

Chuir Will Cowie, nach eil ach 17, na Sgitheanaich air thoiseach tràth sa gheama ach cha b'fhada gus an d' fhuair Inbhir Nis tadhal bho Mhàrtainn Davidson.

Bha na Sgitheanaich air thoiseach a-rithist ro lethach slìghe le tadhal bho Shockie MacIllinneinn agus chuir Cowie gleans air a' ghnothach le tadhal eile anmoch sa gheama.

Aig deas 's e Caol Bhòid an aghaidh Inbhir Aora a bhios ann a-rithist anns a' chuairt dheireannaich de Chupa Chomann Ceilteach Ghlaschu.

Tadhail

Rinn sgioba Thaigh na Bruaich a' chùis 3-0 air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal is na tadhail air fad sa chiad leth.

Bha an gnothach na b'fhaisge ann an Inbhir Aora.

Chaidh Inbhir Aora air thoiseach 2-0 air Camanachd an Òbain le dà thadhal ann an dà mhionaid bho Niall Caimbeul.

Chaill sgioba an Obàin cothrom an uair sin le Graeme Mac a' Phearsain a' cur stad air slaic peanais ach thàinig an tadhal goirid ro lethach slighe, Iain Mac a' Mhaoilain leis.

Sin mar a chrìochnaich cùisean ge-tà, Inbhir Aora troimhe 2-1.

Beò

Bidh an dà chuairt dheireannach beò air BBC Alba, Cupa MhicThàmhais air an 21mh den Òg-Mhìos agus an Cupa Ceilteach air an 28mh.

Sa phlèit aig deas tha Obar Dobhair troimh gu cuairt dheireannach son a' chiad turas nan eachdraidh às dèidh dhaibh soirbheachadh air slaicean peanais an aghaidh Eilean Bhòid.

Bidh iad an aghaidh Bhaile a' Chaolais no Srath Chura is an t-sìde air stad a chur air a' gheama aca-san.

Furasta

Sa Phrìomh Lìg tha Ceann a' Ghiuthsaich dìreach puing air cùlaibh Bail' Ùr an t-Slèibh is Lòbhat is iad air glèidheadh gu furasta 5-0 an aghaidh Loch Abair.

Ann an Lìog Tuath 3 chluich na Leòdhasaich a' chiad gheama aca aig an taigh am bliadhna is ged a thòisich iad glè mhath le tadhal bho Dhonnchadh Mac an t-Saoir, bha Cabar Fèidh an uairsin cus ro mhath dhaibh is iad a' buannachadh 5-1.

Bidh na Leòdhasaich an dòchas gum bi cuid dhen na cluicheadairean a bha a dhìth orra air ais nuair a thig Inbhir Nis gu Siabost Disathairne seo tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile