Catamarain nan cothrom do choimhearsnachdan

  • 16 An Cèitean 2014
Am Pentalina
An dèanadh catamaran mar am Pentalina an gnothach air a' chosta an iar?

Bu chòir iarrtas 'son catamaran a chleachdadh anns na h-Eileanan an Iar tighinn às a' choimhearsnachd fhèin, a rèir fhir a bha uair na chathraiche air Comataidh Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar.

Bha Dòmhnall Manford a' bruidhinn às dèidh do cheannard na companaidh Pentland Ferries, Anndra Banks, a ràdh gun dèanadh catamaran a' chùis ann an uisgeachan a' Chosta an Iar.

Tha eòlaichean ron a seo air ceistean a thogail mu dè cho freagarrach 's a bhiodh catamaran air an taobh siar.

Bidh an cataraman aig Pentland Ferries, Am Pentalina, a' seòladh eadar Gallaibh is Arcaibh is tha Mgr Banks a' cumail a-mach gur e glè bheag de làithean a chaill i a-riamh ri linn na sìde bho thòisich i.

Dh'innis Mgr Manford gun robh còmhraidhean aige cheana ri Mgr Banks a thaobh deuchainn ri catamaran air slighe air choireigin dha na h-Eileanan an Iar.

Oidhirp

Ged nach tàinig sin gu bith, thuirt Mgr Manford gu bheil cothrom ann a-nise oidhirp eile a dhèanamh is dh'iarr e sgeama pileat air slighe mar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart.

Tha e ag ràdh gum bu chòir coimhearsnachdan iad fhèin tighinn air adhart le adhartas, is e a' cumail a-mach gur dòcha gun gabh bile cumhachd nan coimhearsnachdan - tha a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba - a chleachdadh airson sin a dhèanamh.

"Dhèanadh e cuideachadh mòr nan tigeadh buidheann bhon choimhearsnachd air n-aghaidh agus dh'fhaodadh gum biodh am barrachd cothrom an Riaghaltas èisteachd riutha sin, an àite a bhith a' feitheamh ris a' Chomhairle a dhèanamh," thuirt Mgr Manford.

"Tha lagh a' dol tron Phàrlamaid an-dràsta airson coimhearsnachdan a neartachadh airson coimhead ris na rudan sin," thuirt e.

Thuirt Mgr Manford gum biodh catamaran tòrr na bu shaoire a thaobh connadh is tòrr na bu luaithe na bàt-aiseig àbhaisteach.