Chan fhàg am BBC an CBI

  • 16 An Cèitean 2014
BBC
Image caption Ghluais am BBC am ballrachd do BBC Worldwide, an taobh coimearsalta aca.

Cho-dhùin am BBC nach leig iad seachad am ballrachd anns an CBI rè ùine iomairt an Referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Chan eil an CBI clàraichte tuilleadh mar bhuidhinn a tha a' cur gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba, agus mar sin chan eil am BBC a' faicinn gu bheil adhbhar am ballrachd a leigeil seachad.

Dh'fhàg còrr is 12 bhuidhnean an CBI nuair a thuirt iad gun robh iad a' cur an aghaidh neo-eisimeileachd na bu tràithe am bliadhna.

Dh'iarr a' bhuidheann an uair sin gun deadh cùr às don chlàradh aca.

Thuirt labhraiche às leth a' BhBC:

"Seach nach eil an CBI clàraichte tuilleadh le Coimisean an Taghaidh mar phàirt de dh'Achd Referendum na h-Alba, tha am BBC a' faicinn nach fheum iad tuilleadh am ballrachd a leigeil seachad rè ùine.

Mearachd Onarach

"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil obair mhòr aig an CBI ann a bhith a' cumail taic ri gnìomhachasan cruthachail, agus tha am BBC, cuide ri Sky, ITV agus Channel 4, nam buill air a' bhun-stèidh sin.

"Ach tha am BBC air am ballrachd a ghluasad gu BBC Worldwide, 's sinn ag aithneachadh, gu practaigeach, gur e an taobh coimearsalta againn a tha air thoiseach a thaobh nan cuspairean seo."

Thuirt an CBI gur e "mearachd onarach" a bh' anns a' cho-dhùnadh aca clàradh mar bhuidhinn an aghaidh neo-eisimeileachd, agus nach b' ann le duine le ùghdarras a chaidh an co-dhùnadh a shoighneadh.

Ghabh Coimisean an Taghaidh ris a' mhìneachadh sin.

Sgrìobh aonadh an luchd-naidheachd an NUJ gu stiùiriche coitcheann a' BhBC a' togail dragh mu bhallrachd na buidhne anns an CBI, agus tha iad air a ràdh a-rithist gum faodadh ballrachd a bhith air a faicinn mar thrioblaid a thaobh neo-phàirteachd obair naidheachd a' BhBC.

Tha ballrachd san CBI a' cosg £22,191.94 sa bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile