Arcaibh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Deasbad mu chatamaran

15 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gun tèid an ùine aiseig eadar Arcaibh agus tìr-mòr a ghearradh ann an dà leth, fo planaichean companaidh prìobhaideach a tha a' frithealadh na sgìre.

Tha Pentland Ferries airson an catamaran aca - am Pentalina - a ruith gu port ùr, a' ciallachadh nach toireadh i ach leth-uair de thìde à Gallaibh, seach uair a thìde.

Ach tha sabaid aca leis a' Chomhairle gus am plana a thoirt gu buil.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.