Adhartas a thaobh Càball a' Chuain Sgìth

  • 15 An Cèitean 2014
Càball air grunnd na mara
Image caption Dh'fhoillsich Roinn a' Chumhachd pàipear conaltraidh a' moladh cùis shònraichte a dhèanamh de na h-Eileanan mu Thuath agus na h-Eileanan Siar.

Tha adhartas ga dhèanamh a thaobh càball dealain eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr, a rèir eòlaichean 's luchd-leasachaidh.

Tha seo an dèidh do Roinn a' Chumhachd pàipear conaltraidh fhoillseachadh a' moladh cùis shònraichte a dhèanamh de na h-Eileanan mu Thuath agus na h-Eileanan Siar, agus an cur ann an roinn theicneòlasan ùra.

Bhiodh sin a' ciallachadh gum faigheadh iad barrachd taic-airgid bhon Riaghaltas, gun deadh tuathan-gaoithe air adhart agus, an cois sin, càball.

Thuirt an t-eòlaiche Murchadh Moireach gum biodh seo na cheum adhartach, a bheireadh cothrom air barrachd taic a thoirt dha na h-Eileanan.

Thuirt Mgr Moireach gu bheilear, thar nam bliadhnaichean, air a bhith a' faicinn "tòrr a' tachairt air Tìr Mòr, 's gun mòran a' tachairt an seo".

Cothrom

Thathar a' bruidhinn air na h-Eileanan mu Thuath agus na h-Eileanan Siar a chur ann an roinn theicneòlasan ùra, an seòrsa de theicneòlas nach eilear a' cleachdadh cho tric.

Bheachdaich Mgr Moireach gum biodh an leithid freagarrach do na h-Eileanan: "Tha e a' toirt cothrom taic a bharrachd agus, 's dòcha taic eadar-dhealaichte, a thoirt dhan ghnìomhachas anns na h-Eileanan.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin a tha a dhìth aig an ìre seo.

"Mar a tha mise ga fhaicinn, mura tèid an "strike-price" suas na h-uiread, tha e gu bhith duilich," thuirt e.

Thuirt Mgr Moireach gum faodadh dìth leantainneachd a bhith na dhuilgheadas.

Maireannach

"'S e aon rud a th' ann cantainn gu bheil aon rud gu bhith ann airson na h-uiread de dh'ùine, ach le "degression" agus an leithid, tha mì-chinnt ann, gu h-àraidh dhan luchd-seilbh, mura bheil an rud a' dol a leantainn.

"'S e gum biodh e maireannach, 's e a bhiodh feumail," bheachdaich e.

Thuirt e gum biodh e feumail a bhith a' coimhead ris na h-Eileanan ann an dòigh eadar-dhealaichte: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cothromach a bhith a' coimhead air na h-Eileanan mar àiteachan far a bheil barrachd dhuilgheadasan, agus a-rèiste barrachd taic a dhìth.

"'S e a th' annta ach ceum a dh'ionnsaigh rudan eile - 's e a tha seo ach mar gum biodh ceum eadar-amail agus nuair a thig na càbaill, tha tòrr a bharrachd a' dol a thighinn às an dèidh," thuirt e.

Tha coltas gu bheil an ceum ùr seo ga fhaicinn mar dhòigh air rannsachadh dè an seòrsa teicneòlas a ghabhas a chleachdadh anns a' mhuir, agus dè na seòrsaichean càbaill a bu chòir a chur an sàs gus am faighear air diofar sheòrsaichean cumhachd a cheangal a-steach annta.

"An rud a tha sinn a' faicinn an-dràsta, 's e ceum a th' ann ach, aig deireadh an là, feumaidh sinn griod air dòigh air choireigin a thighinn, agus cha tig leasachadh ceart gus an tig e," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile