Prìomhaire a' togail air faclan Mhic a' Ghobhainn

  • 15 An Cèitean 2014
Daibhidh Camshron Image copyright PA
Image caption Thig am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, a dh'Alba a ràdh nach leig Alba a leas neo-eisimeileachd airson a bhith moiteil aiste fhèin.

Bidh am Prìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron, ann an Alba Diardaoin agus Dihaoine, a' dèanamh na h-argamaid airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte.

Canaidh Mgr Camshron gun urrainn do dhaoine a bhith moiteil às Alba agus, aig a' cheart àm, a bhith nam pàirt de rudeigin nas motha.

Thuirt Priomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gur ann a chuireas turas Mhgr Chamshron maill air an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, seach cuideachadh.

Tha Daibhidh Camshron mothachail nach eil teachdaireachd nan Tòraidhean a' faighinn tòrr aire ann an Alba.

Bidh e ag argamaid gu bheil na "milleanan dhaoine" a' tighinn chun a' cho-dhùnaidh gum biodh neo-eisimeileachd ceàrr.

Teachdaireachd shìmplidh

A' bruidhinn air thoiseach air a thuras a dh'Alba, thuirt Mgr Camshron gu bheil fios aig daoine bho air feadh na rìoghachd, anns a h-uile seòrsa dreuchd is suidheachadh, gu bheil an rìoghachd nas fheàrr còmhla.

Thuirt e gu bheil an teachdaireachd a th' aigesan sìmplidh: "Tha sinn ag iarraidh air Alba fuireach san Aonadh. Tha a' bheatha againn uile nas beartaiche còmhla".

Thuirt e gu bheil Alba a' cur an "Great" ann an "Great Britain", agus còmhla gur e rìoghachd aonaichte a th' annainn.

Ag iomairt airson Nas Fheàrr Còmhla, canaidh am Prìomhaire gu bheil seann cheannard nan Làbarach, Iain Mac a' Ghobhainn, a chaochail o chionn 20 bliadhna, na shamhla nach leig a leas gràdh-dùthcha a bhith co-cheangailte ri neo-eisimeileachd.

Bha Mgr Mac a' Ghobhainn gu mòr air cùl fèin-riaghlaidh.

Cnap-starra

Canaidh Mgr Camshron, ge bith dè a' bheachd a bh' aig daoine air na poileasaidhean a bh' aig Mgr Mac a' Ghobhainn, nach b' urrainnear a ràdh nach robh e moiteil a bhith na Albannach agus gun robh e ag iarraidh an rud a b' fheàrr dhan dùthaich aige.

Tha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, a' cumail a-mach gu bheil am Prìomhaire na chnap-starra do dh'iomairt Nas Fheàrr Còmhla; tha e ag ràdh gur e "major liability" a th' ann, 's nach gabhadh sluagh na h-Alba idir ris na beachdan aige.

Dh'iarr Mgr Salmond a-rithist air a' Phrìomhaire a dhol an sàs ann an deasbad telebhisein leis-san, ag ràdh nach eil e a' tuigsinn carson a tha Mgr Camshron airson a dhol an sàs anns an deasbad air neo-eisimeileachd mura bheil eil e deònach deasbad leis-san.

Mu thuras a' Phrìomhaire, thuirt am Prìomh Mhinistear nach eil ann ach ball Tòraidheach eile a' tighinn a dh'Alba a dh'iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile