£225,000 ga thoirt seachad le CnES

  • 14 An Cèitean 2014
Talla Bhatarsaigh Image copyright Gordon Hatton / Geograph
Image caption Tha Comann Coimhearsnachd Bhatarsaigh am measg na fhuair airgead is iad a' dol a dhèanamh leasachaidh air talla an eilein.

Thug Comhairle nan Eilean Siar taic-airgid luach £225,287 gu sia pròiseictean coimhearsnachd.

Chaidh an t-airgead a thoirt seachad mar phàirt de sgeama Maoin Calpa Coimhearsnachd na Comhairle.

Fon sgeama seo, faodaidh buidhnean taic iarraidh do phròiseictean a tha ag amas air spionnadh eaconamach a thoirt dhan choimhearsnachd.

Chaidh £50,000 dhan bhuidhinn Cothrom ann an Uibhist gus togalach ùr a thogail aig an ionad-ionnsachaidh aca ann an Ormacleit.

Fhuair Comann Coimhearsnachd Bhatarsaigh £50,000 cuideachd gus an talla coimhearsnachd aca a leasachadh gus an urrainn dhaibh tachartasan nas motha a chur air dòigh.

Tha £50,000 ann cuideachd do Chlòimh Uibhist gus àite ùr tiormachaidh is ionad ionnsachaidh a thogail, am measg eile.

Taigh-tasgaidh

Chaidh £33,287 gu Comann Eachdraidh Cheann an Loch airson nan goireasan a th' aca ann an seann sgoil Bhaile Ailein a leasachadh, is iad an dòchas cafe is taigh-tasgaidh a chur ann am measg eile.

Tha £30,000 a' dol gu muinntir Chàrlabhaigh gus cuideachadh leis an oidhirp an oighreachd a cheannach is tha £12,000 a' dol gu Comann Gunna na Hearadh gus fasgadh a chur air cuid de na goireasan aca.

Thathas an dòchas gum bi buannachdan gu leòr dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd air a' cheann thall.

"Tha a' Chomhairle ag iarraidh gum bi na coimhearsnachdan làidir agus gum bi pròiseictean seasmhach a' dol," thuirt Cathraiche Comataidh Leasachaidh Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid.

"Tha trioblaidean ann an coimhearsnachdan air an iomall ach tha spionnadh annta fhathast agus tha an t-airgead seo a' cur ris na h-amasan a th' aig na coimhearsnachdan," thuirt e.

Tha £1.8m uile gu lèir aig CnES anns a' mhaoin agus thuirt Mgr MacLeòid gu bheil iad a' lorg thagraidhean bho bhuidhnean eile a tha a' cur air adhart phròiseictean coimhearsnachd.

Bu chòir buidhnean tagradh a dhèanamh ro dheireadh an t-Sultain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile