Iasgair air bàsachadh

  • 14 An Cèitean 2014

Chaochail iasgair, 36, an dèidh dha tuiteam far bàta-chliabh faisg air na h-Eileanan Samhraidh ann an Ros an Iar.

Bha e air fear de dhithis chriutha a' bhàta, a bha stèidhichte air Loch Iù.

Thuit e far a' bhàta mu 10:40m Dimàirt, agus am bàta ag obair mu Thanaraigh Bheag.

Bha bàt-aiseig Steòrnabhaigh, MV Isle of Lewis, am measg shoithichean a chuidich san iomairt air a lorg.

Chaidh a thoirt a-mach às an uisge leis an fhear a bha ag obari còmhla ris air bòrd a' bhàta, agus thog heileacoptair Mhaor-cladaich Steòrnabhaigh e gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

Dhearbh Poilis na h-Alba gun robh an duine air bàsachadh, agus chaidh innse do a theaghlach. Cha deach ainmeachadh fhathast.

Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, na Poilis agus na Maoir-chladaich a' rannsachadh na thachair.