Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Tha nas lugha den t-sluagh an Alba gun chosnadh a rèir nan àireamhan ùra. Bha an àireamh gun obair an Alba air na trì mìosan bho thoiseach na bliadhna sìos 18,000. A rèir Oifis na Staitistig Nàiseanta tha 178,000 Albannach gun obair, le còrr is 2.5m a' cosnadh. Anns an Rìoghachd Aonaichte san fharsainneachd thuit an àireamh gun chosnadh eadar am Faoilleach agus am Màrt gu 2,210,000 - lùghdachadh de 133,000.

An Tuirc

Chaill còrr is 200 duine am beatha ann an spreadhadh agus teine ann am mèinn anns an Tuirc. Tha ceudan eile fhathast glacte sa mhèinn ann an sgìre Soma. Thuirt Riaghaltas na Tuirce gu bheil teine fhathast a' losgadh anns a' mhèinn, agus nach eil mòran dòchais ann gun tig duine beò às.

Oscar Pistorius

Thuirt am Britheamh ann an cùis-lagha Oscar Pistorius ann an Afraga a Deas gun tèid an lùth-chleasaiche a chur fo dheuchainn fad trì mìosan air a shlàinte-inntinn. Rinn luchd-casaid an t-iarrtas an dèidh do luchd-dìon innse gu bheil Mgr Pistorius fo uallach inntinn. Tha Pistorius fo chasaid gun do mhuirt e a leannan, Reeva Steenkamp, an-uiridh.

Prìosan Cheann Phàdraig

Tha Poilis agus oifigich phrìosain air a bhith a' dèiligeadh ri tachartas aig Prìosan Cheann Phàdraig, faisg air Obar Dheathain. Chaidh na Poilis iarraidh dhan phrìosan mu 10:00f an-raoir. Thuirt iad gu bheil iad a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh anns an robh mu 50 prìosanach an sàs.

Uibhist a Tuath

Tha a h-uile coltas ann gum bi bhòt ann an Uibhist a Tuath air am bu chòir sgrùdadh an dhèanamh air an oighreachd a ghabhail thairis às leth na coimhearsnachd. Bha coinneamh phoblach ann am Paibeil an-raoir far an robh a' chuid mhòr den bheachd gum bu chòir an oighreachd fhàgail aig an teaghlach Granville. Bidh coinneamh eile ann an Loch nam Madadh air a' chùis a-nochd.