Co-labhairt Ghlèidhteachais ann am Peairt

  • 13 An Cèitean 2014
Tuath gaoithe
Image caption Chumar deasbad air buaidh thuathan-gaoithe, am measg eile.

Tha na tha an dàn dhan dà phàirce nàiseanta ann an Alba ga dheasbad aig co-labhairt ann am Peairt Dimàirt.

Seo aig an aon àm 's a tha iarrtas ann am measg luchd-iomairt suas ri seachd pàircean nàiseanta a stèidheachadh, eadar iar-thuath agus earra-dheas na dùthcha.

Tha eòlaichean glèidhteachais bho gach taobh den Chuan Shiar air a thighinn cruinn còmhla 'son Co-labhairt Iain Mhuir, a chaidh ainmeachadh mar chuimhneachan air an eòlaiche nàdair Albannach aig an robh gnothach ri a bhith a' stèidheachadh phàircean nàiseanta ann an Aimeireaga.

Briseadh dùil

Tha grunn rudan air a' chlàr-ghothaich leithid buaidh thuathan-gaoithe air talamh nàdarra, am bu chòir do luchd-pàighidh nan cìsean neo luchd-turais a bhith a' pàigheadh 'son sgìrean glèidhte, agus dè cho freagarrach 's a tha obair Iain Mhuir san là a th' ann.

A rèir Mhinisteir na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, 's iad pàircean nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus Loch Laomainn agus nan Tròsaichean dhà de na nithean as luachmhoire a th' aig Alba.

Ach tha e na bhriseadh-dùil dha luchd-iomairt gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil fianais ann gu bheil taic am measg choimhearsnachdan agus ùghdarrasan ionadail 'son phàircean nàiseanta ùra a chruthchadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile