Stòr ùr taigh-tasgaidh fosgailte

  • 13 An Cèitean 2014
Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an togalach ùr air làrach an taighe-tasgaidh ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

Dh'fhosgail cruinneachadh anns a bheil còrr 's 10,000 nì bho eachdraidh na Gàidhealtachd ann an togalach ùr ann am Bàile Ùr an t-Slèibh.

Tha an toglach air a bheil 'Am Fasgadh' stèidhichte aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd anns a' bhaile.

Chaidh an goireas ùr a thogail leis gun robh an cruinneachadh air fàs ro mhòr dhan t-seann togalach ann an Ceann a' Ghiùthsaich.

Tha e a-niste air a thasgadh ann an togalach mòr ùr-nodha, còmhdaichte le fiodh.

Là Fosgailte

Chosg an togalach ùr faisg air £4m, agus e a-niste a' cumail stuthan a tha a' toirt dealbh air beatha air Ghàidhealtachd thairis air a' 500 bliadhna mu dheireadh.

Cha bhi an togalach fosgailte don phoball san dòigh àbhaistich, ach gheibh daoine air cuairtean treòirichte fhaighinn tron chruinneachadh gach feasgar tron t-seusan.

Fhuair muinntir na coimhearsnachd cothrom sealladh fhaighinn am broinn an togalaich air là fosgailte a chaidh a chumail Diluain.

"Tha e dìreach iongantach," thuirt Sìle NicAoidh, a tha a' fuireach ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

"Tha mòran, mòran seann rudan ri fhaicinn ann an seo, rudan nach fhaca mise riamh nam bheatha.

Ionnsachadh

"Tha mi air mòran ionnsachadh bho thàinig mi a-steach an seo an-diugh.

"Bhithinn ann gu 's dòcha 10:00f a-nochd nam biodh e fosgailte.

"Tha e a' ciallachadh mòran dhan choimhearsnachd, o chionn, an taigh-tasgaidh ann an Ceann a' Ghiùthsaich, gu mì-fhortanach, tha e dùinte a-nis, agus dh'fheumadh iad àite airson nan rudan a tha seo a chumail sàbhailte airson nan ginealaichean a tha ri tighinn.

"Tha mi a' smaointinn gur e àite uabhasach math a th' ann," thuirt i.

A bharrachd air cruinneachadh eachdraidheil, tha cuideachd leabharlann airson rannsachaidh, obair-lann ghlèidhteachais, oifisean agus seòmraichean-teagaisg am broinn an togalaich ùir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile