Oifigearan armaichte air Ghàidhealtachd

  • 13 An Cèitean 2014
Oifigear armaichte
B' àbhaist na gunnaichean a bhith fo ghlais ann an carbadan armaichte.

Tha dragh air èirigh gu bheil cuid de dh'oifigearan poilis air a' Ghàidhealtachd a' giùlain ghunnaichean gu cunbhalach bho chaidh am feachd nàiseanta a stèidheachadh o chionn bliadhna.

Co-dhiù tha e a' dèanamh dragh dhan Bhall-Pàrlamaid Albannach, Iain Finnie, 's esan a' togail na cùise aig Holyrood agus le Àrd-Chonastabal nam Poileas.

Ach, tha Poilis na h-Alba ag ràdh gu bheil seo a dhìth airson sàbhailteachd an t-sluaigh.

Chaidh a' chùis a thogail le Iain Finnie, am BPA neo-eisimeileach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a bha uair na oifigear-poilis e fhèin.

Armaichte

Thuirt e gu bheil mar a tha cuid de dh'oifigearan air an armachadh gu cunbhalach ag atharrachadh na dòigh anns a bheil na Poilis a' dèanamh an cuid obrach gu mòr.

B' àbhaist na gunnaichean a bhith fo ghlais ann an carbadan armaichte, agus cha b' urrainnear an toirt a-mach gun chead bho oifigear ann an àrd-dhreuchd.

Ach dhearbh na Poilis gu bheil na gunnaichean a-nis an cois nan oifigearan - gan dèanamh "nas fhollaisiche na bha iad riamh".

Thuirt Tormod MacLeòid, a bha roimhe na Àrd-Neach-Stiùiridh air a' Ghàidhealtachd, gu bheilear a' toirt "ìomhaigh a' bhaile mhòir suas dhan Ghàidhealtachd", ìomhaigh a tha na dragh do mhòran dhaoine, Mgr MacLeòid fhèin nam measg.

Cunnart

Tha Poilis na h-Alba ag ràdh gun robh aca ri poilis armaichte a chur a-mach air a' Ghàidhealtachd còrr air 100 turas an-uiridh.

Thuirt an Leas-Àrd-Chonastabal airson Taic Obrachaidh, Bernard Higgins, nach ann gu cùisean le gunnaichean a-mhàin a b'fheudar poilis armaichte a chur, ach cuideachd cùisean far an robh neach nan cunnart mòr do dhaoine eile.

Thuirt am Ball-Pàrlamaid Lib-Deamach airson Inbhir Nis, Bàideanach agus Srath Spè, Danny Alexander, gun do chuir an t-atharrachadh seo iongnadh mòr air.

Tha esan cuideachd a' dol an aghaidh beachd nam Poileas, 's e ag ràdh nach fheum oifigearan a bhith a' giùlain ghunnaichean air Ghàidhealtachd.