Plana airson pheinnseanan mì-chothromach

  • 12 An Cèitean 2014
Peinnseanair
Image caption Anns a' chumantas, bidh Albannaich a' faighinn nas lugha bho pheinnsean na stàite air sgàth 's nach eil iad beò cho fada.

Chan eil plana airson aois a' pheinnsein àrdachadh air feadh Bhreatainn idir cothromach do dh'Albannaich, a rèir a' mhinisteir ùir airson chòirichean pheinnseanaran.

Canaidh Shona Robison Diluain, gu bheil ùine beatha nas giorra ann an Alba co-dhiù, agus gun dèan àrdachadh ann an aois a' pheinnsein cùisean nas miosa buileach do sheann daoine.

'S ann fo smachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha peinnseanan, agus iad an-dràsta stèidhichte aig an aon ìre air feadh na RA.

Anns a' chumantas, bidh Albannaich a' faighinn nas lugha bho pheinnsean na stàite air sgàth 's nach eil iad beò cho fada.

Fianais

Bidh Shona Robison a' foillseachadh fianais bho rannsachadh an Riaghaltais Albannaich gus taic a chur ris an argamaid sin.

A rèir an rannsachaidh, gheibh boireannaich ann an Alba £11,000 nas lugha nam beatha na an ìre chumanta; gheibh fireannaich £10,000 nas lugha.

Tha an àireamh sin ag èirigh gu £50,000, ma nithear coimeas eadar Glaschu - far a bheil daoine beò airson an ùine as giorra - agus Harrow ann an Sasainn.

Thuirt Shona Robison gun tèid seo a dhèanamh nas miosa le planaichean Riaghaltas na RA aois a' pheinnsein àrdachadh gu 67 bhon bhliadhna 2026.

Gheall Riaghaltas na h-Alba sùil ùr a thoirt air a' phlana seo ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd, ach tha an iomairt Nas Fheàrr Còmhla ag ràdh gur e gleidheadh an Aonaidh an dòigh as fheàrr gus peinnseanan a dhìon.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile