Tuilleadh ìmpidh mu CCAGS

  • 12 An Cèitean 2014
Airgead Image copyright PA
Image caption Tha dragh gu bheil CCAGS gu bhith air a sgaoileadh am measg thuathanach air feadh na h-Alba.

Tha barrachd ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba gun a dhol air adhart le moladh airson crathadh bunaiteach air sgeama granta nan croitearan, CCAGS.

Thathas a' moladh gun tèid an sgeama fhosgladh gu tuathanasan beaga, nas lugha na 50 heactaire, air feadh na h-Alba.

Tha dragh ann gum fàg sin nach ann air Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan a thèid cuid mhòr den airgead a chosg.

Thog Comataidh-baile Rìof ann an sgìre Ùig ann an Leòdhas draghan mu na planaichean ri BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

Taigheadas

Sgrìobh Mgr Allan gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, mu dheidhinn na cùise.

"Tha mi toilichte gun do sgrìobh Alasdair chun a' Mhinisteir mu dheidhinn nan draghan a chaidh a thogail le croitearan Ùig," thuirt An Comh. Dòmhnall Crichton.

"Ach chan ann an-diugh no an-dè a bu chòir seo a bhith air a thogail.

"Tha an atharrachadh air CCAGS a' dol a dhèanamh call mòr dha croitearachd air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, agus tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dha a bhith air na draghan seo a thogail aig an toiseach.

"Seo dìreach eisimpleir eile far a bheil sinn a' faicinn, mar a thuirt Alasdair san litir aige, gu bheil cunnart gu bheil an Riaghaltas a' dol a chall an cliù le croitearan 's a thaobh croitearachd.

"Tha mi a' gabhail misneachd bhon litir seo bho Alasdair Allan gu bheil iad a' smaoineachadh a-rithist mu dheidhinn nan sgeamaichean a tha seo, agus tha mi an dòchas gun seall iad a-rithist ri croitearachd," thuirt e.

Taic

Thog croitearan Rìof cuideachd dragh mu na bha an dàin do thaic-airgid taigheadais na croitearachd, 's iad ag ràdh gum bu chòir an t-airgead a gheibh croitearan airson taigh-croite a thogail a dhùblachadh.

"Tha mi a' cur taic ris a' bheachd sin cuideachd, gum bu chòir barrachd taic a thoirt dha croitearan airson taigheadais," thuirt Mgr Crichton.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil an granta an-dràsta, gu bheil mòran a tha a' cur a-steach air a shon air an diùltadh.

"Bu chòir dhan Riaghaltas cuideachd a bhith a' coimhead ri bhith a' toirt barrachd misneachd dha croitearachd, 's dha croitearan, 's dha daoine òga.

"'S e toiseach-tòiseachaidh math a bhiodh ann a bhith a' dùblachadh a' ghranta seo."

Tuilleadh air an sgeulachd seo