Mì-thoileachas mu chrainn-ghaoithe

  • 9 An Cèitean 2014
Crann-gaoithe
Image caption Tha Ministrealachd an Dìon airson stad a chur air na crainn, 's iad ag ràdh gun dèan iad cron air an t-siostam rèidear aca anns an sgìre.

Tha fear de chomhairlichean Uibhist a Deas ag ràdh gu bheil e mì-chiatach gu bheil Ministrealachd an Dìon a' dol an aghaidh iarrtas bho thriùir chroitearan a tha airson crainn-ghaoithe a chur suas air an cuid fearainn.

Thug Raghnall MacFhionghain a bheachd seachad agus ùine a bharrachd ga toirt do dh'fhear de na croitearan aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann airson luchd-lagha fhastadh mun chùis.

Tha Ministrealachd an Dìon airson stad a chur air na crainn, 's iad ag ràdh gun dèan iad cron air an t-siostam rèidear aca anns an sgìre.

Dàil

Chaidh dàil a chur air ath-sgrùdadh laghail ann an Cùirt an t-Seisein gus cothrom a thoirt do dh'Alasdair Dòmhnallach luchd-lagha fhastadh.

Tha an MoD airson stad a chur air Mgr Dòmhnallach bho bhith a' cur crainn air an talamh aige ann an Uibhist a Deas.

Thug Comhairle nan Eilean Siar cead do Mhgr Dòmhnallach agus dithis chroitear eile crainn-gaoithe a chur suas air na croitean aca ann am Bòrnais agus Fròbost.

Bha seo a dh'aindeoin draghan bhon MoD gun cuireadh na crainn maill air na h-innealan rèidear aca ann an Uibhist a Deas.

Tha an MoD ag ràdh, ma tha cus chrann ann an sgìre, gum faod na h-sgiathan lorgan rèidear a chruthachadh a tha glè choltach ri lorgan itealain.

Thog iad cùis ann an Cùirt an t-Seisein, 's iad ag iarraidh ath-sgrùdaidh laghail air na ceadan a thug a' Chomhairle.

Bha dùil gun deadh a' chiad èisteachd a chumail Diardaoin, ach às dèidh do Mhgr Dòmhnallach tagradh airson barrachd ùine, dh'aontaich am britheamh gun deadh a chur dheth chun na h-ath-mhìos.

Leasachadh

Thuirt Raghnall MacFhionghain gun do ghabh an Riaghaltas ris na bha an MoD ag ràdh mun t-siostam rèidear, ach goirid an dèidh sin gun do dh'innis an MoD gun robhar an dùil leasachadh a thoirt orra.

Leis na leasachaidhean a bhathar an dùil a dhèanamh, dh'fhaodadh nach toireadh na crainn-gaoithe buaidh air an t-siostam rèidear tuilleadh.

Bheachdaich Mgr MacFhiongain gun robh còir aig an Riaghaltas tilleadh chun an MoD aig an ìre sin, ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air a' chùis.

Ged a tha dòchas ann a-nis gun tèid adhartas a dhèanamh, leis gu bheil an MoD air an t-siostam a leasachadh, 's gur dòcha nach bi e a' toirt uimhir de bhuaidh orra, tha Mgr MacFhionghain fhathast caran diombach.

"Cha leigeadh a leas a' chùirt a bhith ann anns a' chiad dol-a-mach.

"Nam biodh iadsan air innse dha na daoine gun robh iad a' dol a dh'upgradadh nan rèidearan, cha bhiodh sinn anns an t-suidheachadh far a bheil sinn an-dràsta.

"Tha daoine a' feuchainn an dìcheall airgead fhaighinn a-staigh, 's tha an Riaghaltas agus an MoD a' dol nan aghaidh.

"Tha còir aig daoine a bhith gar cuideachadh an àite a bhith a' dol nar n-aghaidh," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile