Moladh mu ghearraidhean buidseit

  • 9 An Cèitean 2014
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha a' Chomhairle am beachd buidheann coimhearsnachd a chur air chois, far an tèid beachd a' mhòr-shluaigh fhaotainn air mar as fheàrr sin a dhèanamh.

Bu chòir cothrom a bhith aig muinntir na Gàidhealtachd roghnachadh am biodh iad airson barrachd a phàigheadh sa Chìs Chomhairle mar dhòigh air gearraidhean ann an seirbheisean poblach a sheachnadh.

Sin beachd Ruairidh Mhoirich, Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Shlèite.

Bha e a' bruidhinn agus Comhairle na Gàidhealtachd gu bhith a' sireadh beachd an t-sluaigh a thaobh mar a ghabhas £62m a chùmhnadh sa bhuidseat aca thairis air an ath cheithir bliadhna.

Tha a' Chomhairle am beachd buidheann coimhearsnachd a chur air chois, far an tèid beachd a' mhòr-shluaigh fhaotainn air mar as fheàrr sin a dhèanamh.

Chuir Mgr Moireach fàilte air an naidheachd, 's esan den bheachd gun tèid feart a thoirt do bheachdan dhaoine, taobh a-staigh na tha e comasach dhan Chomhairle a dhèanamh.

Roghainn

"Tha cumhachd aig a' Chomhairle, fon lagh, a' Chìs Choimhearsnachd a chur suas, ach tha an Riaghaltas a' toirmeasg sin dhaibh.

"Mar sin dheth, thathas a' gearradh an airgid orra, chan eil dòigh aca air tuilleadh airgid a thogail, agus chan eil roghainn aca ach na seirbheisean a ghearradh.

"Tha e glè mhath nach eil a' Chìs Chomhairle againn a' dol suas bho bhliadhna gu bliadhna, ach aig a' cheann thall, mura bithear a' togail chìsean, cha bhi seirbheisean againn," thuirt e.

Bheachdaich Mgr Moireach gum bu chòir dhan Riaghaltas sùil às ùr a thoirt air a' ghnothach agus cothrom a thoirt dha na Comhairlean dearbhadh a bheil no nach eil iad airson a' Chìs Chomhairle a chur suas.

Thuirt e gum biodh e cothromach roghainn a thoirt dhan mhòr-shluagh: "A bheil sibh ag iarraidh seirbheisean a chumail mar a tha iad, no an gearradh, no am biodh sibh deònach beagan a bharrachd de Chìs Chomhairle a phàigheadh airson piseach a thoirt air seirbheisean.

"Nuair a bha sinn a' conaltradh ris a' mhòr-shluagh a-muigh anns na h-Eileanan, bha daoine a' roghnachadh gum pàigheadh iad barrachd airson na seirbheisean sin fhaighinn agus saoilidh mi gum bu chòir sin a bhith air a chur ris a' mhòr-shluagh airson beachd fhaighinn bhuapa," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile