Loidse Loch Mhòir ann an Achadh Taigh Phairidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Loidse Loch Mhòir air a' mhargaidh

9 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha grunn dhaoine air ùidh a shealltainn ann a bhith a' ceannach fear de na taighean as ainmeile air Ghàidhealtachd, a chaidh air a' mhargaidh bho chionn trì miosan.

B' e Loidse Loch Mhòir ann an Achadh Taigh Phairidh ann an Cataibh an dachaigh a bh' aig an duine a bu bheartaiche ann am Breatainn, Diùc Westminster, ann am meadhan na 20mh linn.

Ach mar a tha Pàdraig MacAmhlaigh ag aithris, tha i an-diugh feumach air obair-leasachaidh.