Cliù croitearachd an riaghaltais an cunnart

  • 8 An Cèitean 2014
Taighean-croite
Image caption Chan fhaighear an-dràsta ach granta de £22,000 mu choinneimh taigh-croite a thogail.

Chur BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, litir gu Ministear nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, ag ràdh gu bheil cliù Riaghaltas na h-Alba a thaobh a bhith taiceil do chroitearachd ann an cunnart ri linn a' mholaidh gum bu chòir sgeama nan grantaichean (CCAGS) atharrachadh.

Tha dragh ann ma thèid CCAGS fhosgladh a-mach gu tuathanaich air feadh na h-Alba gur e glè bheag dheth a thèid a chosg anns na sgìrean iomallach.

Sgrìobh Mgr Allan a litir an dèidh do chomataidh-baile ann an Leòdhas sgrìobhadh thuigesan a' nochdadh draghan mu phoileasaidh croitearachd.

A thuilleadh air planaichean CCAGS, tha a' chomataidh, ann an Rìof, an sgìre Ùig, cuideachd ag iarraidh airgead sgeama nan taighean croite a dhùblachadh.

Òigridh

Tha litir na comataidh-baile ag ràdh gu bheil an ìre de ghranta a thathas a' faighinn airson taigh-croite a thogail air a cumail aig an aon ìre a-niste airson naoi bliadhna, agus gum bu chòir a h-àrdachadh gus am bi e nas cothromaiche a thaobh na cosgais a tha an lùib a bhith a' togail taighe ann an sgìre iomallach.

Chan fhaighear an-dràsta grant nas motha na £22,000. Ach tha Cathraiche comataidh-baile Rìof, Tormod MacAoidh, a chuir ainm ris an litir, ag ràdh gum bu chòir sin a dhùblachadh, agus gum brosnaich sin barrachd dhaoine, gu h-àraidh an òigridh, taigh a thogail air croit anns na sgìrean iomallach.

Tha e ag ràdh gun toireadh sin buannachd mhòr, chan ann a-mhàin dha croitearachd fhèin, ach dha luchd-togail, luchd-reic, sgoiltean agus dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Prionnsabalan

Tha dragh dha-rìribh air croitearan mu phlana sgeama CCAGS a sgaoileadh a-mach gu gnìomhachas tuathanais sam bith an Alba sa bheil nas lugha na 50 hectaire.

Tha Mgr MacAoidh ag ràdh gun toireadh sin a-steach suas ri 3/4 de dh'fhearainn àiteachd na h-Alba gu lèir.

Tha e ag ràdh gun deadh a' mhòr-chuid den airgead a chosg taobh a-muigh na Gàidhealtachd, seach air croitean a-mhàin mar a thathas air a bhith ga chosg.

Thuirt e gu bheil sin a' dol calg-dhìreach an aghaidh nam prionnsabalan air an deach an sgeama a stèidheachadh sa chiad dol-a-mach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile