Comhairle a' sireadh beachd an t-sluaigh

  • 8 An Cèitean 2014
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Thar an ath cheithir bliadhna, feumaidh a' Chomhairle £62m a chùmhnadh.

Iarraidh Comhairle na Gàidhealtachd beachd an t-sluaigh a thaobh ciamar a ghabhas còrr is £60m a ghearradh bhon bhuidseat aca anns an ath cheithir bliadhna.

Thuirt ceannard poileasaidh an ùghdarrais, Carron NicDiarmaid, nach e gearradh sheirbheisean a tha san amharc aca an turas seo, ach a bhith toirt seachad sheirbheisean ann an dòigh nas èifeachdaiche.

Thèid a' chùis a dheasbad aig coinneamh na Làn-Chomhairle Diardaoin.

Thar an ath cheithir bliadhna, feumaidh a' Chomhairle £62m a chùmhnadh; anns an-ath-bhliadhna a-mhàin, thig £20m far a' bhuidseit aca.

Thuirt Carron NicDiamraid gun tèid coimhead air an dòigh as fheàrr seirbheisean a thoirt seachad, seach a bhith ag amas a-mhàin air gearraidhean a dhèanamh.

Coinneamhan poblach

Tha i a' moladh gun tèid coinneamhan poblach a chumail air feadh na sgìre air a' mhìos seo fhèin, agus an-ath-mhìos, far an tèid beachd an t-sluaigh fhaotainn air mar as fheàrr sin a dhèanamh.

Thuirt i gum biodh cothrom aig daoine am beachdan a thoirt seachad air na seirbheisean a tha cudromach dhaibhsan anns na sgìrean aca fhèin, agus 's dòcha mar a ghabhadh leudachadh a dhèanamh orra, 's mar a ghabhadh teachd-a-steach na Comhairle àrdachadh ri linn sin.

Aig a' cheart àm, thèid beachdan fhaotainn co-dhiù bu chòir 23 ionadan seirbheis air feadh na sgìre a dhùnadh.

Thèid cuideachd buidheann coimhearsnachd a chur air chois, far an tèid iarraidh air comhairlean coimhearsnachd, comhairlean phàrant agus buidhnean coimhearsnachd eile, am beachdan a chur an cèill air mar as fheàrr seirbheisean a thoirt seachad.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Drew Hendry: "'S e co-chomhairleachadh gu math nas mionaidiche a bhios an seo oir bidh sinn a' ruigsinn barrachd bhuidhnean is dhaoine. Bidh an co-chomhairleachadh a' buntainn ris an ath cheithir bliadhna, seach a' bhliadhna a tha romhainn a-mhàin, mar is àbhaist."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile