Dìon air làrach bhlàir Chùil Lodair?

  • 7 An Cèitean 2014
Luchd-iomairt
Image caption Tha fearg air luchd-iomairt mun dòigh anns an deach cead a thoirt do thaighean ùra faisg air làrach a' bhlàir.

'S e Riaghaltas na h-Alba fhèin a nì co-dhùnaidhean mu iarrtasan dealbhachaidh faisg air làrach Bhlàir Chùil Lodair bho seo a-mach.

Tha seo às dèidh mar a nochd buaireadh nuair a chaidh cead a thoirt seachad airson 16 taighean ùra faisg air ionad-tadhail Chùil Lodair.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd air iarrtas bhon chompanaidh Inverness Properties a dhiùltadh, ach chaidh a' chùis a chur air beulaibh an Riaghaltais nuair a rinn a' chompanaidh ath-thagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin.

Dleastanas

Tha ministearan Riaghaltais a-nis air sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhealtachd ag innse dhaibh gum bi dleastanas orra bho seo a-mach iarrtasan dealbhachaidh airson taighean faisg air làrach a' bhlàir a chur mu choinneamh an Riaghaltais.

Thuirt am Ministear airson Dealbhachaidh, Derek MacAoidh, gum fàg sin cothrom aig an Riaghaltas gnothach a ghabhail ri iarrtasan - ged nach dèanadh iad sin anns a h-uile suidheachadh.

Thuirt e cuideachd gu bheil planaichean ann gus Poileasaidh Dealbhachaidh na h-Alba atharrachadh gus an tig e a-rèir reachdais ùir a tha ag amas air làraichean bhlàr a dhìon.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile