Mionaidean an referendum gan innse

  • 7 An Cèitean 2014
Caileagan, ceicichean agus brataichean
Tòisichidh cunntadh cho luath 's a ghabhas an dèidh do dh'ionadan-bhòtaidh dùnadh aig 10:00f.

Thèid càirtean-bhòtaidh a sgaoileadh do mhuinntir na h-Alba mìos air thoiseach air an referendum.

Dh'innis Àrd-Oifigear Cunntaidh an Referendum, Màiri Pitcaithly, do na 32 chomhairle san dùthaich na càirtean a chur a-mach air 14mh agus 15mh an Lùnastal.

Thèid baileatan-puist a chur a-mach eadar 26mh agus 28mh an Lùnastal.

Thèid an referendum fhèin a chumail air an 18mh là den t-Sultain, leis a' cheist "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Earbsa

Tha a bhith ag innse cò na làithean air an tèid na càirtean a sgaoileadh am measg ochd dleastanasan a th' air a' Bh. Pitcaithly, a tha cuideachd na h-Àrd-Stiùiriche air Comhairle na h-Eaglaise Brice.

Tha an stiùireadh a bheir i seachad ag amas air "referendum soirbheachail, le torradh anns an cuir a h-uile duine earbsa" a choileanadh.

Leis gu bheil dùil gum bhòt àireamh mhòr de dhaoine, dh'iarr a' Bh. Pitcaithly air comhairlean na dùthcha 120% de na càirtean-bhòtaidh a tha a dhìth a chlo-bhualadh, an dà chuid do dhaoine a bhòtas tron phost, agus do dhaoine a bhòtas aig ionadan-bhòtaidh, air eagal 's gun tèid feadhainn a chall no a mhilleadh.

Chaidh iarraidh air comhairlean cuideachd aon chlàrc-bhòtaidh ainmeachadh airson gach 800 neach-bhòtaidh ris a bheil dùil aig ionadan-bhòtaidh.

Feumaidh iad cuideachd luchd-obrach a bharrachd a chur an àite a ghluaiseas eadar ionadan-bhòtaidh feuch dèiligeadh ri àmannan trang agus sàmhach aig diofar ionadan tron là.

A thuilleadh air sin chaidh innse gum feum pàipearan-bhòtaidh a bhith geal, le aon Chomharra Oifigeil orra anns gach àite.

Bidh an comharra sin air aghaidh a' phàipeir, le àireamh air leth air a' chùl, còmhla ri ainm na sgìre chomhairle.

Sgìrean Dùthchail

Dhearbh an t-Àrd-Oifigear Cunntaidh gun tèid na bhòtaichean a chunntadh thar na h-oidhche, Diardaoin 18mh an t-Sultain, a' tòiseachadh "cho luath 's a ghabhas, gu practaigeach" an dèidh do bhòtadh stad aig 10:00f.

A thuilleadh air sin, thuirt i gum faod ùghdarrasan ionadail a chleachdas dòigh cunntaidh ris an canar "meanabh-chunntadh" tòiseachadh air cunntadh mus tèid a dhearbhadh gu bheil gach bhòt air a chur.

Cuidichidh sin comhairlean, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail far a bheil dùil ri dàil mhòr air bocsaichean baileat a bhith a' ruighinn an ionaid-chunntaidh.

Thuirt a' Bh. Pitcaithly: "'S e na tha fa-near dhomh a dhèanamh cinnteach gu bheil a h-uile taobh de dhealbhachadh agus solarachadh an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba air a làimhseachadh le maith agus ùidh an neach-bhòtaidh aig cridhe gach co-dhùnaidh.

"'S e mo bheachd gum brosnaich an stiùireadh seo misneachd agus cunbhalachd sa phròiseas gus an tèid againn air referendum soirbheachail a choileanadh, anns an cuir a h-uile duine earbsa."