Feannagan ùra do dh'Eurabol

Cas chrom Thathas a' tuigsinn gur e Eurabol an aon àite air an taobh sear far an robh feannagan.

Sgeulachdan co-cheangailte

Thèid ath-bheothachadh a thoirt air dòigh àiteachais thraidiseanta ann an Eurabol ann an Cataibh agus urras na sgìre am measg na fhuair airgead bho sgeama na companaidh SSE 'son phròiseactan coimhearsnachd.

Cleachdaidh a' bhuidheann £20,000 a fhuair iad airson fearann a cheannach bho Choimisean nan Coilltearachd, agus thèid feannagan a dhèanamh ann a-rithist.

Bha feannagan air an làraich uair - an aon àite, thathas a' tuigsinn, air taobh sear na Gàidhealtachd far an robh feannagan.

Bha feannagan glè chumanta air a' chosta an iar agus anns na h-Eileanan, agus tha cuid air an taobh an iar fhathast gan obrachadh.

Bhiodh muinntir a' bhaile gan àiteachd a chùm am bìdh fhèin.

Ionnsachadh

"Bha e na chleachdadh anns na linntean a chaidh seachad aig teaghlaichean anns a' choimhearsnachd a tha seo gum biodh na feannagan aca fhèin aca, 's gum biodh iad gan obrachadh gu cruaidh," thuirt an t-Urr. Donnchadh MacLeòid a tha a' fuireach san sgìre.

"Bha sin a' dol air adhart fad ghinealaichean. Ach an uair sin, suas mu àm an Dàrna Cogaidh, bha na fir air falbh, 's bha na boireannaich, 's ann aca a bha a' chuid mhòr den obair ri dhèanamh, 's bha e gu math cruaidh orra 's mar sin air adhart.

"Beag air bheag, thòisich iad tha mi a' smaoineachadh dìreach a' leigeil seachad an t-seòrsa obrach a bha sin.

"An dèidh dhan Dàrna Cogadh a bhith seachad, 's anns na bliadhnaichean an dèidh sin, cha-mhòr dìreach nach deach e à bith uile gu lèir.

"'S e fìor thogail a th' ann dhan choimhearsnachd a tha seo gu bheil SSE airson an t-airgead a thoirt seachad, agus tha mi a' tuigsinn gu bheil 33 teaghlaichean mar-thà air a ràdh gum biodh ùidh aca ann a bhith an sàs ann.

Start Quote

Tha fhios gu bheil iad a' dol a dh'fhoghlam mòran às seo nach ionnsaicheadh iad gu bràth ann an sgoil”

End Quote An t-Urr. Donnchadh macLeòid A' fuireach san sgìre

"Tha mi glè chinnteach gun tèid cur ri àireamh nan teaghlaichean sin aon uair 's gun cluinn iad an naidheachd mhìorbhaileach a tha seo.

"Bidh a h-uile seòrsa rud a' fàs ann. Bidh arbhair, buntàta, 's bidh dìreach rud sam bith a tha na teaghlaichean fhèin ag iarraidh.

"Faodaidh iad a chur - cho fad 's a tha e freagarrach - agus iad a bhith ag obrachadh còmhla.

A-muigh còmhla

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e uabhasach cudromach cuideachd gum bi an òigridh a tha a' fuireach anns an sgìre a' faighinn eòlais air an t-seòrsa sgil a th' air a ghabhail a-steach ann a bhith a' cur nithean eadar-dhealaichte, agus gum bi sin tòrr nas buannachdail dhaibh na dìreach a bhith a' suidhe a-staigh no a bhith air beulaibh sgrìonaichean de gach seòrsa.

"Tha seo a' toirt dhaibh cothrom dìreach a bhith a-muigh còmhla ri chèile, gu h-àraid nuair a tha là math ann, 's tha e a' toirt dhaibh eacarsaich.

"'S tha e a' toirt dhaibh eòlais air eachdraidh na sgìre.

"Tha mi a' creidsinn gum bi na seann daoine ag innse dhaibh gur ann mar seo a bhiodh iad a' cur a' bhuntàt' 's gur ann mar siud a bhiodh iad a' cur an eòrna.

"Tha fhios gu bheil iad a' dol a dh'fhoghlam mòran às seo nach ionnsaicheadh iad gu bràth ann an sgoil.

"'S tha e math gu bheil a' choimhearsnachd a' faighinn cothrom a bhith a' teagasg nan sgilean a tha sin dhan ghinealach a tha ag èirigh 's dhan ghinealach a bhios ann nar dèidh," thuirt e.

Tha dùil gun tèid na ciad chuibhreannan de 1/4 acaire a thoirt seachad an ath-bhliadhna.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.