Loch Shuaineart
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

£1m ga roinn eadar coimhearsnachdan

7 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh £1m de thaic-airgid a roinn eadar pròiseactan coimhearsnachd air feadh na Gàidhealtachd, tro sgeama ùr leis a' chompanaidh SSE.

Tha an t-airgead a' tighinn bho na tuathan-gaoithe aca anns an sgìre.

Am measg nam buidhnean a th' air airgead fhaighinn, tha Urras an Taobh Sear anns an Eilean Sgitheanach, an Canàl Chailleanach ann an Cille Chuimein agus pròiseact sònraichte ann an Embo, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.