SSE a' roinn £1m eadar coimhearsnachdan

  • 6 An Cèitean 2014
Knoydart Image copyright SSE
Image caption Gheibh sgeama hydro ann an Cnòideart cuibhreann den airgead.

Tha £1m de thaic-airgid bho sgeama aig a' chompanaidh SSE ga roinn eadar pròiseactan coimhearsnachd air feadh na Gàidhealtachd.

'S ann bho na tuathan-gaoithe aig a' chompanaidh san sgìre a tha an t-airgead a' tighinn.

Am measg nam buidhnean a th' air airgead fhaighinn, tha Urras an Taobh Sear anns an Eilean Sgitheanach, a fhuair £38,000 airson a' pròiseict "Ceumanan".

"Thòisich pròiseact Ceumanan beagan bhliadhnaichean air ais, agus chuir Urras an Taobh Sear ri chèile 13 àiteanan air feadh na sgìre far an do dh'fhosgail sinn mar gum biodh taigh-tasgaidh anns an àrainneachd," thuirt Cathraiche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach.

"Tha seo a' ciallachadh gun robh 13 àiteanan le eachdraidh shònraichte air am fosgladh suas, ceumanan air an cur a-steach gan ionnsaigh, àite parcaidh airson chàraichean agus beagan de dh'fhiosrachadh air a chur air an làraich mu dheidhinn an àite shònraichte.

"Bha sin air obrachadh uabhasach math, agus tha fhios againn gu bheil barrachd is 20,000 duine gach bliadhna a' tadhail air na làraichean a tha sin.

Leasachadh

"Tha sinn a-niste a' sùileachadh leasachadh a dhèanamh às ùr, agus ochd àiteanan eile a chur ris an taigh-tasgaidh a tha seo," thuirt e.

Am measg nam pròiseactan eile a gheibh cuibhreann den airgead, tha pròiseact sgeama hydro ann an Cnòideart, agus sgeama gus ath-leasachadh a thoirt air ionad-fiosrachaidh le Scottish Canals ann an Cille Chuimein, a fhuair an cuibhreann as motha de £225,000.

Fhuair Urras Leasachaidh Chaoil Chataibh £43,330 airson taigheadais ath-nuadhachail.

Chaidh còrr is 100 iarrtas a chur a-steach airson an airgid, le 29 tabhartasan gam buileachadh air pròiseactan soirbheachail.

Gheibhear liosta iomlan de na pròiseactan a fhuair taic-airgid air Làrach-lìn SSE