Eucoir fiadh-bheatha ga dheasbad

  • 6 An Cèitean 2014
Clamhan-gobhlach
Image caption Chaidh closaichean nan eun-creachaidh a lorg san sgìre mu Dhrochaid Sguideil agus am Blàr Dubh.

Cluinnidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba gum faodadh eucoir an aghaidh fiadh-bheatha, 's gu h-àraid mar a chaidh còrr is 20 eun-creachaidh fhaighinn marbh air a' Ghàidhealtachd, cron a dhèanamh air cliù na h-Alba.

Canaidh an Riaghaltas gum feum barrachd a bhith air a dhèanamh airson fiadh-bheatha na dùthcha a dhìon.

Ann an deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, nì Ministear na h-Àrainneachd dubh-chàineadh air ge bith cò a phuinnseanaich còrr is 20 eun-creachaidh ann an Siorrachd Rois.

Tha iomagain ann cuideachd mun dòigh anns an deach a' chiad iolaire-mhara a rugadh ann an Alba, bho chaidh na h-eòin a thoirt a-steach às ùr air a' chosta an Ear, à sealladh.

Cron

Canaidh Paul Wheelhouse gum faodadh cùisean mar seo cron a dhèanamh air turasachd co-cheangailte ri fiadh-bheatha.

Tha buidhnean glèidhteachais ag ràdh gum feumar na laghan a th' ann mar-thà airson fiadh-bheatha a dhìon.

Chaidh beachdachadh cuideachd gum bu chòir na laghan a bhith air an cur an sàs nas cruaidhe, 's gur e am binn as fhàide a tha ceadaichte a bu chòir a bhith a' feitheamh air daoine a thèid a dhiteadh.

Dh'iarradh cuid de Bhuill-Phàrlamaid gun deadh na peanasan a neartachadh agus gun deadh tuilleadh chumhachdan a thoirt dhan SSPCA.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile