Ministear an dùil Eaglais na h-Alba fhàgail

  • 6 An Cèitean 2014
Glainne dhathte
Dh'iarr clèir Uibhist agus na Hearadh sgrùdadh air coithional Loch nam Madadh agus Bheàrnaraigh agus nas lugha de dhaoine ga fhrithealadh.

Dh'fhaodadh nach bi ministear aig aon choithional de dh'Eaglais na h-Alba ann an clèir Uibhist is na Hearadh a dh'aithghearr agus am ministear airson Loch nam Madadh agus Beàrnaraigh air innse gu bheil e a' fàgail a dhreuchd aig deireadh na h-ath-mhìos.

Na bheachdsan, tha an eaglais "air gluasad air falbh bho facal Dhè".

Aig seirbheisean Eaglais na h-Alba Là na Sàbaid ann an Loch nam Madadh agus Beàrnaraigh, chaidh innse gu bheil an t-Urr. Dòmhnall Caimbeul an dùil an coithional fhàgail air an là mu dheireadh den Ògmhios.

Tha e cuideachd a' fàgail na h-eaglaise.

Thuirt Mgr Caimbeul gur e mar a tha an eaglais air falbh bho fhacal Dhè am prìomh adhbhar aige fàgail.

Sgrùdadh

Aig toiseach na bliadhna, dh'iarr clèir Uibhist agus na Hearadh sgrùdadh air coithional Loch nam Madadh agus Bheàrnaraigh, agus nas lugha de dhaoine ga fhrithealadh.

'S e Clèir Earra-Ghàidheal a rinn an sgrùdadh sin agus chaidh an aithisg fhoillseachadh anns a' Ghiblean.

Thèid an aithisg sin a dheasbad aig coinneimh den chlèir madainn Dimàirt ann an Loch nam Madadh.

Feumaidh clèir Uibhist agus na Hearadh am fiosrachadh bho Mhgr Caimbeul, gu bheil e an dùil fàgail, a dheasbad aig an ath choinneimh aca air an 17mh là den Ògmhios.

Ma dh'aontaicheas iad ris an iarrtas aige, cha bhi aon mhinistear stèidhichte ann an coithional sam bith ann an clèir Uibhist agus na Hearadh.